Colbh Aon
Tha mi air a bhith leughadh Colbh Aon fad greis agus feumaidh mi aideachadh gu bheil a’ chuid sgrìobhaidh aig Màrtainn Dòmhnallach agus Aonghas Dòmhnallach a’ còrdadh rium gu mòr. Chan eil stràcan ri fhaighinn agus uaireannan tha coltas caran mì-GhOCail air an dà chuid aca ach bidh mi a’ dèanamh fiughair ri dol suas an sràid Disathairne gus am Press and Journal a cheannaich. Dhomhsa tha Colbh Aon air a bhith na stòras de abairtean air leth feumail.
An t-seachdain seo tha Màrtainn Dòmhnallach air a bhith a-mach air ‘am bhiodag an sàs le sodal ga còmhdach’ tha sin ri ràdh ‘s e sin mar a bha mòran den luchd-politigs gan giùlain fhèin ri Tony Blair. . Thuirt e:
'MAS e goraiche bh'ann uair a thide a chur seachad air beulaibh a' bhocsa Diciadain a' coimhead Blair a' gabhail nam beannachdan ri Taigh nan Cumantan, is docha gur e barrachd goraiche a th'ann a bhith a' cosg uine an drasda a' sgriobhadh mu dheidhinn. Ach cha robh, is chan eil, seachnadh air.'
Airson tuilleadh leughadh mu dheidhinn beachd aig Màrtainn air Mgr Blair, thèid a-steach de Colbh Aon air làrach a’ Ph&J.

Freagairtean:2
Thug mi suil air a` phios sgriobhaidh ud bhon a thug thu gu ar n-aire. Abair Gaidhlig shiubhlach, mar a thuirt thu, a Dhes.
Thug mi sùil air a` phìos sgriobhaidh ud bhon a thug thu gu ar n-aire. Abair Gàidhlig shiùbhlach, mar a thuirt thu, a Dhes.
Tapadh leibh, a dhuine.
Cha robh fios agum go robh Gaidhlig ar an P&J idir, idir
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh