Rinn mi beagan obrach

Tha mi ag obair shìos aig Parkdean Caravans ann an Inbhir Narann sna làithean seo agus bha agam geugan seileaich a ghearradh. Tha a’ craobh a tha sin a’ fàs uabhasach fhèin math agus leis an t-uisge a tha air a bhith againn am bliadhna tha i air a bhith a’ dèanamh a dhìcheall. Co-dhiù bha pàirt den chraobh a bha seo a’ dol ro fhaisg air carabhan agus thuirt iad rium bha agam rudeigin a dhèanamh mu a dheidhinn. Uill rinn mi mo chuid obrach agus bha mi deiseil mo chasan a thogail às nuair a ruith paidse a-mach às a’ charabhan agus thuirt i rium. ‘Wait a minute, you’ll nae be leaving without this.’ agus thug i an dealbh a bha sin dhomh. Nach math a rinn i? Ma bhios thusa eòlach ormsa taobh a-muigh an t-saoghail ‘mas fhìor’ dè do bheachd air an dealbh?

Freagairtean:3

Aig 15:15 thuirt Anonymous Anonymous...

Chan eil mi eòlach ortsa, ach tha cuma spaideil ort sa dhealbh !!!

Aingeal Mhicaelangelo ! ;-)

 
Aig 01:12 thuirt Blogger Cadalach...

Càit' a bheil an ad bhuidhe? Nach robh i ort aig an àm? ;-)

 
Aig 01:26 thuirt Blogger Graisg...

Tha ad geal agam a-nis a charaid, rudeigin a tha dìreach mar gum biodh e a-mach air geama criogaid.
Ach cha robh e orm aig an àm a bha siud.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh