Sgrìobh Ball pàrlamaid na h-Alba airson nan Eileanan an iar, Alasdair Allan, gu Bloomsbury.

Bha e a’ gearain nach robh eadar-theangachadh de Harry Potter ri fhaighinn sa Ghàidhlig fhathast. Uill cha do chòrd sin ri cuideigin a tha a’ fuireach anns na h-eileanan agus sgrìobh esan mu a dheidhinn air a’ bhlog aige. Tha am blogger seo den bheachd gum bu choir Mgr Allan a bhith a’ deileagadh le cùisean eile mus sgrìobh e gu Bloomsbury. Ma tha mionaid agad bhiodh e inntinneach ann a bhith leughadh a bhlog agus gu h-àraidh na beachdan a thig a-steach na chois. Thuirt truaghan eile sna beachdan a tha seo gu robh e a’ cur dragh air nuair a chuala e Gàidhlig sa mhòr-bùth, tha esan den bheachd gu bheil daoine ga cleachdadh gus daoine aig nach eil Gàidhlig a chumail a-mach bho rudeigin. Tha na beachdan uabhasach fhèin inntinneach.
A-nis tha cunntas beachd air a’ bhlog sin. Gheibh thu a’ cheist: ‘A bheil gu leòr airgead air a chaitheamh air Gàidhlig?’
Gheibh thu beagan deasbaid air Harry Potter air Fòram na Gàidhlig