Blog aig Seirbhis nam meadhanan Gàidhlig far am faigh thu deasbad air loidhne

A bheil beachd agad air dè seòrsa programan a bu chòir a bhith ann nuair a thoiseachas an t-seirbheis thelebhisean Ghàidhlig? Tha iad a’ sireadh do bheachd. Seo far am faod thu do bheachd a chuir a-steach. Chan fhaigh thu ann gus rudeigin a sgrìobhadh gun chunntas Google ge-tà. Thuirt mise gum bu chòir fada a bharrachd a bhith ann airson luchd-ionnsachaidh agus gu robh me den bheachd gu robh na tachartasan 'mas fhìor' airidh air sgrùdadh.

Freagairtean:3

Aig 18:28 thuirt Anonymous Anonymous...

Uill chan eil cunntas Google agam agus chan eil mi ga iarraidh. 'S e rud dona a tha sin, cleachdadh seirbheis mar sin airson gnothachan poblach.

 
Aig 16:48 thuirt Blogger tearlach61...

Tha beachdan inntinneach ann mar tha.

Ach, dhomhsa tha cunntas gu math feumail. Mar eiseimpleir nuair a bha a' sgriobhadh na sgeulachd agam, chleachd mi mo chunntas Google. B' urrainn dhomh obrachadh air an sgeul aig an taigh agus aig àm diathad aig an oifis. Cha b' fheudar dhomh dèilichadh ri na faidhlean a ghuasad bho àite gu àite.

 
Aig 17:54 thuirt Blogger Graisg...

Seadh a Thearlaich, chan eil eagal orm ro Chunntas Google nas motha. Tha cruaidh fheum agad air sin gus blog a sgrìobhadh sna laithean seo bhon a cheannaich Google blogspot.
Co aig a tha fios, ma dh'fhaoidte gum bith feadhainn eile a' sgrìobhadh blog sa Ghàidhlig a dh'aithghearr?

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh