Dihaoine 20mh den Ògmhìos 2007

Y Byd – an Saoghal

Bidh pàipear-naidheachd lathail sa chumris ga chur an gnìomh an ath-bhliadhna. Tha an companaidh air cùl an iomairt Dyddiol Cyflàn làn dùil gum bi a’ chiad iris a’ tighinn a-mach air a’ chiad Diluain den Mhart 2007.
Thuirt am neach-deasachaidh Aled Price, 'Bidh ann an Y Byd ar-a-mach sa chuimris, airson a’ chiad turas bidh pàipear-naidheachd laitheil sa chuimris.
Bidh pàipear-naidheachd coileanta a th’ ann, a’ toirt a-steach spòrs, saor-ùine, gnìomhachas agus poileataics.’
Cosgaidh Y Byd 70p Diluain gu Diardaoin agus £1.20 Dihaoine nuair a bidh leasachadh an deireadh seachdain na luib. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh sa bheurla aig làrach a' BhBC.

Diciadain 18mh den Ògmhìos 2007

Leabhraichean ùra aig Clann Tuirc

Leabhraichean ùra

(1)Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-Aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Roisair a dheasachadh le Seòsamh Watson[beul-aithris bho Mhachair Rois]

(2)Fil súil nglais - A Grey Eye Looks Back: a Festschrift in honour of Colm ÓBaoillair a dheasachadh le Sharon Arbuthnot agus Kaarina Hollo[23 uilt - dhà an Gàidhlig na h-Èireann, dhà an Gàidhlig na h-Albann - air cànan, litreachas agus eachdraidh na h-Èireann, na h-Alba agus Eilean Mhanainn]

(3)Sia Sgeulachdan Gaidhealach na dealbhan le West Highland Animation, a’ Ghàidhlig le Richard A.V. Cox agus Murchadh MacLeòid[sia sgeulachdan dathach air an stèidheachadh air beul-aithris na Gaidhealtachd ]

Dihaoine 13as den Ògmhìos 2007

Am film ùr Gàidhlig, Seachd

Fhuair mi an teachdaireachd seo:

A charaid choir,
Tha mi a sgrìobhadh air leth am film ùr Gàidhlig, Seachd – The Inaccessible Pinnacle, agus mi an dòchas gun fhaod cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhi ag innse beagan mu dheidhinn dhan an t-saoghal. Tha blogs gu math cudromach agus cumhachdach san latha an diugh agus bhithinn gu math taingeil ma bha àm agaibh sgrìobhadh mu dheidhinn am film.Tha an làrach-lìn againn ri fhaighinn aig http://www.seachd.com/index_gaelic.html
agus thèid an còd airson ceangal a’ dhèanamh a’ lorg aig http://www.seachd.com/index_links.html
Gheibhear cuideachd brataich Seachd aig http://www.seachd.com/pages/links_banners.html.
Tha fios airson na meadhanan ri lorg aig
agus ann an crutha flash aig
Tha sinn cuideachd ri lorg air myspace aig www.myspace.com/seachd agus tha sin an dòchas coimhearsnachd bheag a steidheachadh an sin. Tha sin gu math toilichte gu bheil, mar tha, cha mhòr 6000 caraidean againn.Chaidh am film a shealltainn aig Feis Filmichean Cannes am bliadhna, far an deach innse gum bi e a-mach ann an taighean-deilbh sam Foghar as dèidh cùmhnant a’ dhèanamh leis a chompanaidh Soda Pictures. ‘S e fìor deagh naidheachd a tha seo airson film beag ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh filmadh anns an t-Eilean Sgitheanach, ach tha an t-uamhas cuideachadh a dhith oirnn fhathast airson innse dhan t-saoghal mu dheidhinn. Leig fios thugam ma tha cail sam bith eile a dhith ort.

Leis gach deagh dhùrachd,
Chris
Chrisn[remove]gillies@gmail.com

Didòmhnaich 8mh den Ògmhìos 2007

Atlantic Gaelic Academy agus cùrsaichean air loidhne bhon t-Sultain 2007 a-mach

Thachair mi air teachdaireachd air facebook.com an diugh bha i a-mach air an an làrach seo. Bidh iadsan a’ tòiseachadh cùrsaichean air loidhne le skype am bliadhna. Seo na tidsearan a bhios a’ gabhail pàirt.