Cuir an leinne-T ort!

Ma dh’fhaoidte gun do leugh thu e aig an Sunday Times, Uill a-nis a chàirdean, mu dheireadh thall tha cothrom agad an leinne-T a chur ort. Am faca tu am bùth aig Niall beag fhathast.
Chan eil mi cinnteach mu dheidhinn an tè eile ge-tà.
A bheil a leithid sin an aghaidh na feallsanachd ‘ceart gu poilitigeach’ Co-dhiù seo blas den stuth beagan nas laidire a tha aig Niall.

Fàilte gu Tele Gràisg

Aig an taigh le Gràisg agus an leabhar ùr.



Ionnsaigh eile air a’ Ghàidhlig



Nochd pìos sgrìobhaidh eile a bha gu tur an aghaidh a’ Ghàidhlig an-dè. Sin far am faigh thu e aig làrach Sunday Times.
Dè tha an t-eagal orra roimhe Gàidhlig? Tha sinn beò ann an 2006 a-nis. Tha coitcheannas cultar na cruinne a’ dlùthadh air a h-uile càil. Chan eil cultair no canan sam bith sàbhailte. Seall air an roinn Eòrpa far a bheil Beurla a’ faighinn làmh-an-uachdar air grunn oilthighean agus gnothaichean. A h-uile turas a chuireas sibh sìos air cultair eile tha sibh dìreach a' fosgladh an doras beagan nas fhaide dhan latha a bhios a’ chultar agaibh fhèin a’ dol a-mach a shealladh.
Nas miosa buileach tha an saoghal làn mì-chinnt agus cunnart agus tha e uaireannan doirbh a bhith coimhead air adhart. Sa leithid àrainneachd tha e buailteach gum bi eagal air feadhainn. Chan eil leisgeil sam bith a th 'ann an sin ge-tà airson a bhith a chur coltais ‘deamhan’ air buidheann sam bith eile an àite a bhith a’ coimhead air na fìor cuspairean a tha air faire.
Tha e làn thìde gun do chuir na h-ughdarasan sùil mhionaideach air na a leithid a tha a nochdadh sa Sunday Times. ‘S e sin mo bheachdsa co-dhiù.

Iomairt nan Toraidh an aghaidh na Gàidhlig?

‘S dòcha gum bi fhios agad gur na gasgaich ‘ chan eil mi an aghaidh Gàidhlig ach’ air a bhith dripeil trang sa bhòrd bhrath aig an Albanach. Uill thall ann an Iomairtean Gàidhlig rinn ‘seonaidhadams’ iomradh air ciamar a bha sin a’ tighinn às rudeigin a thuirt comhairliche Toraidh ann an Dùn Eidhinn. Seo na thuirt Seonaidh

'Carson a tha uiread de ghearain a' nochdadh bho na Toraidhean an-dràsta a thaobh na gàidhlig. Bha uair nuair a bha iad co-dhiù a' toirt a chreids gun robh iad taiceil. Mo thogar, chan eil torr suim anns na Toraidhean a-nis, tha iad nan nàdar de Mhoonies ann an Alba.Craicte, gun iarraidh, gun fheum...'

Dè an dòigh eile a tha air fhàgail aca gus ceann-naidheachd beag fhaighinn ach ann a bhith a chur sìos air Gàidhlig? ‘S e roinn a th’ ann an sin a tha cheana loma-làn amadain ge-tà. Chan eil an t-amaideas acasan math no cruthachail gu leòr a bhith faighinn àite maireannach am measg an luchd-cumhang ealanta ud. Laighe iad air a’ chuspair mar dhealain-dè ach bu chòir do fios a bhith aca gur e dreuchd fad-bheatha a th’ ann ann an a bhith a’ cur sìos gu dìcheall air a’ chanan Bidh na Toraidhean ann an Alba a-mach air na Mohamadaich a-màireach saoilidh mi airson bìdeag bheag eile fhaighinn sna meadhanan-otrachais. Rudeigin gòrach eile a chur eadar dealbhan chìoch ‘s tòin.

Seanchas Ìle

Tha goireas ùr air loidhne a-nis agus feumaidh mi a ràdh gur e àite uabhasach fhèin feumail th’ ann. Faodaidh tu a’ dol a-steach an Làrach-lìn Seanchas Ìle agus a dh'èisteachd ri faidhleachan fuaime agus a leughadh PDF’s aig an aon àm ma thogras tu.

Alba1 An Fhraing 0

Tha pìos beag Gàidhlig uabhasach fhèin math dhut nach eil?

Doras

Doras foghlaim
Doras dòchais
Doras spòrs
Doras cultair
Doras fhèin-aithne

Doras Gàidhlig
Doras càirdeas
Doras datha