Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann

Cha bhi sin fada tarsainn stairsneach 2014 nuair a chìthear iarrtas dealabhachaidh a-steach do Chomhairle na Gaidhealtachd son oll-mhargaid Lidl aig Baile Mac Càidh.  A-reir nam planacihaean bidh aonadan eile agus pub le tigh-bìde. Gu pearsanta tha mi coma mu dheidhinn nam aonadan eile agus a’ phub ach rud a dh’fhaodadh sibh a bhith cinnteach às agus ‘s e sin gu bheil fìor chruaidh fheum again air Lidl sa bhaile seo. 

Bidh fhios aig an fheadhainn a tha fortanach gu leòr a dhol gu Lidl ann an Inbhir Nis no Forrais gum faigher mòran rudan aig prìs nas saoire ann an Lidl. Chanainnsa nach biodh dad car le beagan a bharrachd co-fharpais do Sainsburys agus na Co-ops again ann am baile far a bheil 24% de chloinne beò ann am bochdainn. A bharrachd air sin dh’fhaodadh tu a ràdh gum bi a mhòr-cuid mhuinntir a’ bhaile air a shon ach a dh’aindeoinn a leithid taic a bheil e buailteach tachairt?


Tha am Buidhean Gnothachas Inbhir Narann (ANB) air cur an aghaidh Lidl aig Baile Mac Càidh agus iadsan làidir den bheachd nach e an t-àite ceart a tha e. Bidh iadsan airson làrach aig teas mheadhann a’ bhaile. Nach ann an sin ach aisling a bha iomchaidh do na 80s agus 90s nuair a bha a leithid cothruim ann? Ghluais cùisean air adhart ge-tà agus chan eil àite ann a nis air cul na prìomh shràid son an lorg coise a bhiodh aig buth Lidl àbhaisteach. Bidh feadhainn a’ cumail a mach nach ann aig an seasamh aig an ANB ach dòigh gus Lidl a dhiùltadh.

Tha eagal air an ANB gum dèan Lidl sgrios air slainte na prìomh shràid ach cha do thachair sin nuair a thig Sainsbury’s agus nach eil airgead aig an luchd-obrach sin gus a dhol sìos dhan phrìomh shràid le beagan nam phochaidean?

A-nis de a nì na chomhairleachan againn? An tèid iadsan leis an ANB no aig beachd a’ mhòr chuid? Thoir sùil air An Gearastan far an deach Chomhairle na Gaidhealtachd le parc bhùithtean beagan taobh a-muigh. Saoilidh mi ma gabhas comhairlichean Inbhir Narann an aghaidh Lidl bidh buaidh nach bu bheag air an cuid cliù – gu h-àraidh nuair a bhios iad a’ lorg bhòtaichean a-rithist.

Ma tha muinntir Inbhir Narann son Lidl fhaicinn feumaidh iad fhathast beagan spàirn a dhèanamh; ma chuireas gu leòr dhiunn litir taic a-steach no beachd air e-planning nuair a thig an t-iarrtas dh’fhaodadh sin a’ chùis a dhèanamh.