Cala Inbhir Narann ga lionadh le gainmheach
Chaidh egail luchd-cleachaidh bhataichean aig cala Inbhir Nairn nochdadh air a’ phriomh duilleag den Nairnshire Telgraph an seachdainn seo chaidh. A-reir iadsan tha cunnart ann nach bi bata sam bith faighainn a-mach no a-steach ann an uine nach bi fada. S’ann bhon taobh an iar a bhios a’ ghainmheach a’ gluasad agus air sgath sin tha iadsan a tha gearain a’ cumail a-mach gu bheil 2-3 troighean puill air urlar a’ chala.
‘S ann bho smachd Comhairle na Gaidhealtachd a tha cala Inbhir Narann agus de
bhios iadsan a dheanamh. Uill bha manaidsear nan calachan, Tony Usher, bruidhinn ris a’ phaipear agus thuirt esan gun robh iad feuchainn ri dreideireachd a chur a-steach den program obrach aca ann an 2015 no 2016 ach bhiodh sin a’ crochadh air maoineachadh.
Bidh feadhainn le bataichean a’ gearain cuideachd ciamar a chaidh taillean cala an airde a bharrachd air ire na h-atmhorachd a-rithist. A dh’aindeoin a h-uile cail a tha sin gheibhear liosta-feitheamh son aite fhaighinn sa chala.
Saoil am bi airgead ri tighinn bhon Chomhairle tarsainn 2015 no 2016 leis a h-uile trioblaid ionmhais a th’aca? A bharrachd air sin bidh feadhainn a-mach air ciamar a tha piosan de bhallaichean na cala tuiteam as an ceile agus tha cruaidh fheum air caradh siud’s a seo. ‘S e goireas air leth son choimhearsnachd a th’ann an cala Inbhir Narann agus na phairt den bun-structair turasachd. Cha bhiodh an t-aite co tarraingeach gun bhataichean na chois.
De gabhas a dheanamh? Uill tha buidheann ris an canar NICE (iomairt coimhearsnachd agus leasachaidh – Nairn Improvement Community Enterprise) son iomadh rud a dheanamh sa bhaile agus tha staid a’ chala fo an comhair. Bu toil leotha tuilleadh airgead tighinn don bhaile bho na h-ughdarrasan. Tha NICE a’ cumail a-mach nach eil Inbhir Narann faighainn a chuid cothromach de airgead phoblach. An tig dad as na comhraidhean eadar NICE agus Comhairle na Gaidhealtachd agus Iomairt na Gaidhealtachd agus nan Eilean?
Tha sealladh aig NICE son chala fada, fada na bu mhotha le ceidhean na bu fhaide agus amar-doca eile a bhiodh tairraingeach don bhataichean a dheanamh air a’ Chanal Cailleannach agus a leithid sin. A-reir NICE bu choir do 50-100 milleanan not a chuis a dheanamh son a’ phoiseact agus thigeadh piseach nach bu bheag air eaconomachd Inbhir Narann. An e aisling a tha seo no am bidh iad a’faighinn taic bhon a’ Chomhairle gus an iomairt seo a thoirt air adhart. Fiu’s nan robh na h-ughdarasan son eisteachd ris a’ bhuidheann coimhearsnachd am bi airgead ann san am ri teachd son a leithid proiseact ann an aite sam bith air a’ Ghaidhealtachd?