Soidhne da-chananach ùr ann an Inbhir Narann


Abair thusa gun do chord e rium gu mor, mor nuair a mhothaich mi soidhne da-chananach eile sa bhaile an-de. Sin thu fhein Highland Highlife, deagh shoidhne gu dearbh agus a bharrachd air sin dathan breagha na chois. Dhomhsa tha e a’ toirt meas don Ghàidhlig agus tha e sealltainn taobh eile den Ghaidhealtachd don luchd-turais. A-nis bidh iadsan eolach gu bheil cultar nas doimhne air a’ Ghaidhealtachd agus gu bheil iadsan ann an aite a tha caran diofraichte air sgath sin. Chuir mise an dealbh seo ris a’ bhuidheann Soidhnichean Gàidhlig ann an Alba a tha ri fhaicinn ann a sheo air flickr.