Blogaichean luchd-ionnsachaidh sna Stàitean

Thachair mi air dà bhlog inntinneach a-raoir. Sgeulachdan neo-aithnichte mu oileanach na Gàidhlig ann an Aimeireaga agus Mo Bhlog Beag

'S ann dà-chananach a tha a h-uile càil le Garrett MacGilleAnndrais agus chìthear pìosan air leth inntinneach mu dheidhinn a bheatha mar oileanach agus Comunn Ceiltis Indianna. Leugh mi artaigil a thog m' uidh gu mòr: Ag ionnsachadh ''Ceiltis'' thar a' chuain - Learning ''Celtic'' across the ocean. Tha teachdaireachd aig Garrett dhuinn:


"Ach ag innse na fìrinn, tha mi a' smaoineachadh gum feum Alba, Èire, agus Eilean Mhaninn obair ri chèile mòran. Chan eil e gu math a' bhith feuchainn na cànanan aca fhèin thàrmachadh nan aonar. Agus mar a thuirt mi ann am blog o chion ghoirid. Feumaidh na dùthchannan seo sealltainn air "A Talamh Nua" airson taice cuideachd. A bheil am facal sin ceart gu poileataigeach, "An Talamh Nua"? LOL!"

'S e oileanach a th'ann an Erin cuideachd ach tha ise faighinn foghlam aig an taigh agus tha Gàidhlig na phàirt dheth. Bidh Erin a' feuchainn ri pìosan Gàidhlig a chur a-steach do na postaichean aice mar a rinn i le "Mòd Nàiseanta Ameireaga 2010".
'S e Mìcheal MacAoidh coir a tha ga teagaisg agus chuir Erin dàn aige an airde air a blog, seo pìos dheth:

"Air oidhche shàmhach gheamhraidh fhuar
‘S a’ Ghealach shoilleir chiùin
A’ coimhead air an talamh foip’
‘S na reultan os a cionn
An saoghal umam cho neo-thorach
‘S mo smuaintean air an àm
Tha romham ‘measg mo chàirdean
Is mo charaidean caomh blàth"

Tuilleadh air a' bhlog aig Erin. A chàirdean ma tha greiseag agaibh carson nach tèid sibh a-null thairis gus beagan brosnachadh a thoirt dhaibh?