Gàidhlig - cha bhithinn às a h-aonais!

Chuir e sneachd air an oidhche ach chan eil coltas maireannach air
 '  S toill leis mo chèile a bhith na cadal leis an uinneig fosgailte, ma  bhios e tuiteam nas lugha na -8C bidh cead agam an uinneag a dhùnadh.  Dh'fhàs mi cleachte ris o chionn fhada ach leis a' chat a th'againn  a-nis feumaidh mi rudeigin a chur faisg air an uinneag gus bacadh a chur  air bhon a bhith a' dol as an uinneig air mullach an taigh. A-raoir  chuir mi mo bhrogan air, rinn sin a' ghnothach gu math ach sa mhadainn  seo bha iad làn sneachd leis an oiteag ghaoithe a bh'ann.
'  S toill leis mo chèile a bhith na cadal leis an uinneig fosgailte, ma  bhios e tuiteam nas lugha na -8C bidh cead agam an uinneag a dhùnadh.  Dh'fhàs mi cleachte ris o chionn fhada ach leis a' chat a th'againn  a-nis feumaidh mi rudeigin a chur faisg air an uinneag gus bacadh a chur  air bhon a bhith a' dol as an uinneig air mullach an taigh. A-raoir  chuir mi mo bhrogan air, rinn sin a' ghnothach gu math ach sa mhadainn  seo bha iad làn sneachd leis an oiteag ghaoithe a bh'ann. Co-dhiù,  tha coltas bréagha air Inbhir Narann an-diugh leis a' ghràin a'  dearrsadh air na seallaidhean geala. Mar tha thuirt mi, chan eil coltas  maireannach bagarrach air a' ghnothaich mar a bha na bu tràithe aig  deireadh 2010 ach cha bhi moran gàirnealaireachd roham an-diugh.  Tha an  saoghal nàdar tighinn beò a-rithist gun teagamh sam bith. An seachdainn  seo chaidh gheàrr mi geug bheag a chraobh bheithe gheal agus ann an  ùine nach bi fada bha lòn sùigh ga chruinneachadh air an làr.
    
    Comann nam Pàrant Dùn Eideann ga dhubh chàineadh
Chaidh litir a fhoillseachadh air an làrach Hebrides.com. San litir seo (bho Ghàidheal a tha a’ fuireach sa chathair bhaile) fhuair Comann nam Pàrant dubh-chàineadh. Tha an sgrìobhadair a’ cumail a-mach gun robh e "pianail" dhasan (no dhise) a bhith a' cluinntinn Goill bheartach a' tagradh airson na cùise agus chan eil sin ach pàirt den chasad a tha e/i a thogail san litir seo.
Chithear leth-bhreac den litir agus deasbad na cois air an t-sreath seo aig Foram na Gàidhlig.
    
    Chithear leth-bhreac den litir agus deasbad na cois air an t-sreath seo aig Foram na Gàidhlig.



















