Aonghas Phàdraig Caimbeul agus Meg Bateman aig Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narainn
Dà bhideo goirid
‘S ann anns a’ Bheurla a bha a’ mhòr chuid den tachartas seo. Bha an dithis aca a’ leughadh an cuid obrach sa Ghàidhlig agus ged a bha e a’ còrdadh rium bha mi mothachail fad na ùine gur e Beurla a bha faighinn prìomhachas. Cha robh doigh eile faighinn as nam bheachdsa, chì thu san darna bhideo APC a’ tuigsinn nach robh moran daoine aig an robh Gàidhlig an làthair.
Leugh APC an caibideil ud bho ‘Tighinn Dhachaigh’ far a bheil an trèana agus an taibhse a’ stad ann an Inbhir Nairn airson greiseag.
Dà uair a thìde le APC agus Meg Bateman agus cha do chosg e ach sia notaichean. Aig a’ cheann thall chan eil cus adhbhar ann a bhith gearain.