Ath-thilleadh gluasad cànain ann an Inbhir Narann: cothrom a tha a' dol a-mach à sealladh?

Aithris air cor na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann agus beachd air dè a’ dol a thachairt don chànain san sgìre san àm ri teachd
1.Roimh-ràdh 2
2.Eachdraidh na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann 3
3.Luchd ionnsachaidh ann an Inbhir Narann. 15
4.Cultar Gàidhlig ann an Inbhir Narann 19
5.Na fileantaich ann an Inbhir Narann 24
6.Cròileagan Inbhir Narann 27
7.Aonad Gàidhlig. 29
8.Buaidh Inbhir Nis 32
9.Co-dhùnadh 34
10.Leabhar-chlàr 36
  1. Roimh-ràdh

Anns an tràchdas seo bheir sinn sùil gu mionaideach air cor na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann. Thathar a’ sùileachadh gum bi an tràchdas a’ sealltainn fianais gu leòr gu bheil buinteanas làidir domhainn aig a’ Ghàidhlig don sgìre agus a bharrachd air sin gu robh luchd-imrich aig an robh Gàidhlig a’ toirt leantalachd don chànan ged a chaidh dualchainnt Ghàidhlig na sgìre a-mach à bhith.
An uair sin bheirear sùil air Gàidhlig sa bhaile san latha an-diugh agus aig a cheann thall faighnichear na ceistean: a bheil cothrom ann an Inbhir Narann gus fìor ath-thilleadh gluasad canain a choileanadh no a bheil cùisean eu-dòchasach a dh’aindeoin gu bheil sinn beò ann am mìle bliadhna ùr far a bheil a mhòr chuid den t-sluaigh bàidheil dhan chànan? Am bi Inbhir Narann gu mòr an sàs ann an saoghal na Gàidhlig san àm ri teachd mar phàirt den sealladh a chaidh fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig?
  1. Eachdraidh na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann

An-diugh a thaobh ìomhaigh dualchas Inbhir Narann tha làimh an uachdair aig cultair na h-iasgairean ged nach eil mòran teaghlaichean aig a bheil buinteanas don gnìomhachas iasgaich Inbhir Narann a’ fuireach san sgìre Baile nan Iasgairean. Ma tha ceangail aig duine sam bith leis an dualchas iasgaich tha iad gu math pròiseil às ge-tà agus ’s e comharra cudromach de fhèin aithne sa bhaile ged a thàinig mòran atharraichean air cuisean co-cheangailte ri iasgach san dàrna phàirt den linne mu dheireadh ann an Inbhir Narann. Ged a tha taigh tasgaidh Baile nan Iasgairean air ghluasad bho Bhaile nan Iasgairean gu àite eile ann an Inbhir Narann a-nis, ’s e fhathast o shealladh nan iasgairean a tha dualchas a’ bhaile air a thaisbeanadh. Nan robh thusa nad neach-turais cha bhiodh thusa a’ mothachadh idir gu robh ceangail làidir leis a’ Gàidhlig aig a’ bhaile ach sa bhad bhiodh fhios agad dè cho cudromach ’s a bha an t-iasgach do mhuinntir an àite. Cha mhòr nach eil Gàidhlig ga sguabadh às aig an ìre seo, ’s e toradh eile a th’ ann an sin a thàinig às na làithean nuair a fhuair Beurla làimh an uachdar. Cha bu choir Inbhir Narann a bhith air a nàireachadh airson sin, cha mhòr nach faigh thu fianais sam bith air dè cho cudromach sa bha Gàidhlig do h-eachraidh agus dualchas ann an Taigh tasgaidh Port an Eilean Ìle mar eisimpleir. Chan e a-mhàin ann an Inbhir Narann a thàinig coltas Orwellian air cùisean co-cheangailte ris a’ ghàidhlig.
O chionn fhada bha daoine den bheachd gu robh buinteanas aig coimhearsnachd nan iasgairean do na Lochlannaich ach sa mhìle bliadhna seo tha deuchainnean fala air an dearbhachadh gur e às shluagh cheilteach a thàinig iad. A bheil na h-iasgairean den aon sluaigh ceilteach ’s a bha na Gàidheal a cheannaich iasg bhuapa suas aig an Mercat Cross air a’ phrìomh shràid, (cuimhne a tha gu math cumanta ann am beul-aithris nan iasgairean). Bhiodh deuchainnean fuil eile air a’ chuspair sin gu math inntinneach. Mura robh na h-iasgairean a’ bruidhinn beurla san t-seann aimsir tha sin a’ togail ceiste inntinneach. An robh Gàidhlig aca cuideachd no an tàinig iad ann an long nan speuran mar shluaigh Ceilteach aig an robh beurla bho thùs? Aon rud a tha cinnteach a-nis, ’s e sin gu bheil buntainneas aig na h-iasgairean do na slòigh ceilteach.
Ma leughas tu an leabhar aig Seòras MacBheathain, History of Nairnshire, gheibh thu mòran a chaidh a chlàradh air dè thachair san t-Siorramachd ach chan eil cus iomradh air a’ Ghàidhlig seachad air na leanas.
The line of diversity of language can still be traced from the town of Nairn on the seaboard, passing between Auldearn or Ardclach, across the river Findhorn into Moray, separating Dyke from Edinkillie, and, bending round, crossing the Spey at Lower Craigeallachie. Till recent times the native population west of the town remained Celtic, while the inhabitants to the East were English Speaking.1
Agus sin e dhut, tha e iongantach ann an dòigh nuair a smaoineachas tu gun d’ thachair mòran den eachdraidh ud tro mheadhan na Ghàidhlig ach chan eil e iongantach ann an dòigh eile, ’s e sin ri ràdh gun deach a h-uile càil ga chlàradh sa bheurla. (buaidh Orwellian a-rithist).
Dè am fianais a tha gur e àite gàidhealach a th’ ann an Inbhir Narann? Sa chiad dol a-mach tha an cànan fhèin fhathast ann. Tha e follaiseach ged a bhàsaich dualchainnt Gàidhlig Inbhir Narann a-mach san linne mu dheireadh bha fhathast fileantaich ag imrich dhan sgìre bho àitichean eile sa Ghàidhealtachd, a bharrachd air sin tha àireamh beag de luchd ionnsachadh sa bhaile. Uaireannan cuiridh e iongantas air daoine a tha aineolach air suidheachadh na Gàidhlig ann an Inbhir Narann gun robh àireamh mòr de dh’fhileantaich san t-Siorramachd. Àireamhan fiù ’s o amannan a tha an chuimhne muinntir a’ bhaile a tha fhathast beò.
(bho td5 Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local studies Vol 21: Bàideanach, Strath Spè, Narann & Bràighean Mhàrr. Author Kurt Duwe)
Tha an dealbh seo a’ sealltainn toradh nan cunntasan-sluaigh eadar 1881 agus 2001 an dà chuid ann an Siorramachd Narann agus Bàideanach.
Tha a h-uile coltas ann gu bheil Gàidhlig air a bhith bruidhinn ann an Inbhir Narann bhon latha a thàinig e. Cuin a bha sin? A-rèir Brian O hEadhra, ‘Tha fhios gur i Gàidhlig Cànain dhùthchasach Inbhir Nis, agus i air a bruidhinn an seo fad còrr is mìle bliadhna. ’2 Faodar a ràdh gu robh Gàidhlig ri cluinntinn ann an Inbhir Narann fad còrr is mìle bliadhna cuideachd. A-rèir a’ chunntais sluaigh mu dheireadh tha bharrachd air 300 daoine anns an t-Siorammachd a tha comasach bruidhinn, tuigsinn no a’ leughadh Gàidhlig agus a-nis, le aonad Gàidhlig aig Sgoil Millbank tha a h-uile coltas ann gum bi beagan Gàidhlig sa bhaile san àm ri teachd. Bha e gu math doirbh airson nam pàrant gus aonad gàidhlig faighinn sa bhaile agus bidh mi a-mach air sin ann an earrann eile.
Nuair a choimheadas tu air na h-ainmean àiteachan air a’ clàr-dùthcha Ordinance Survey chì thu dè dìreach cho Gàidhealach ’s a bha an sgìre. Chan eil agad ach sùil a thoirt air trì ainmeannan sa bhaile a-mhàin gun a bhith a’ coimhead air a’ beartais de h-ainmean àiteachan a gheibh thu astar beag bhon oirthir. Tha trì sgìrean ris na h-ainmean Achareidh, Balblair agus Cranloch agus bidh duine sam bith le beagan Gàidhlig a’ tuigsinn sa bhad dè a tha na h-ainmean ud a’ ciallachadh. Chan urrainn do duine sam bith àicheadh beartas dualchas nan Gàidheal a tha an Ordance Survey ga thaisbeanadh dhuinn.
An uair sin gheibh thu na sgeulachdan a fhuair a-steach an litreachas a tha ri fhaighinn airson luchd-turais. ’S e caractar gu dearbh a bh’ ann an Calum Beag, bha e a’ creach sprèidh agus bha e na charaid mòr den Mhorair Chaladair. Aig a cheann thall ge-tà cha robh fiù ‘s am Morair comasach a shàbhaladh nuair a chuir Morair eile roimhe gu robh e seachd searbh sgìth de Chalum Beag agus chroch e e. Ann an sgeulachd eile, gheibhear clach na bana-phrionnsa air an abhainn Findhorn far an do bhàsaich dithis a bha aig an àm ann an trom gaol. Theich iad agus chaidh iad às an rathad anns an abhainn. Greis bhon àite a thachair sin gheibh thu Randolph’s leap far an leum fear tarsainn air an abhainn le nàimhdean às a dhèidh. Àiteachan far an gabh sgeulachdan romansach àite. Gheibh thu sgeulachdan eile cuideachd agus ged a tha iad air an clàradh sa bheurla tha buinteanas aca don àm nuair a bha Gàidhlig aig cha mhòr a h-uile duine.
B’ ann an 1773 a ràinig Boswell agus MacIain Inbhir Narann air an turas aca don Ghàidhealtachd agus na h-eileanan an iar. Sgrìobh MacIain:
We came to Nairn to breakfast. Though a county town and royal burgh, it is a miserable place. Over the room where we sat, a girl was spinning wool with a great wheel, and singing an Erse song. 3
Tha fhios againn an diugh dìreach air sgàth ’s gu bheil cuideigin a’ seinn òran ghàidhlig nach eil sin a’ ciallachadh gur e àite gàidhealach a th’ann ach aig an àm a bha sinn bha an dithis sgrìobhadair làidir den bheachd gu robh iad sa Ghàidhealtachd nuair a ràinig iad Inbhir Narann.
Thathar a’ creidsinn gu robh 56.3 sa cheud ann an Inbhir Narann a’ bruidhinn Gàidhlig sa bhliadhna 18064. A-rèir rannsachaidh a chuir The Inverness Society for the Education of the Poor air dòigh ann an 1822 bha 62 sa cheud ann an Inbhir Narann, 55 sa cheud ann an Àird-Chlach agus 75 sa cheud ann an Chaladair a’ bruidhinn Gàidhlig.5 Nochd fianais eile de àireamh luchd labhairt na Gàidhlig ann an 1854 nuair a dhiùlt Eaglais na h-Alba a chumail a’ dol leis a’ Ghàidhlig ann an Inbhir Narann: ‘In Nairn, in 1854, the authorities overruled some 500 residents who argued that Gaelic was the only language in which they could be edified.’6 Abair thusa gur e bacadh nach bu bheag don chànan a bh’ ann an siud. Thachradh an aon chonnspaid san Eaglais Shaoir beagan bhliadhnaichean às dèidh sin.
Eadar 1875-76 bha Gàidhlig ag adhbharach deasbaid teotha san Eaglais Shaor Inbhir Narann. Chaidh trì bliadhnaichean seachad mus d’fhuair an coitheanal ministear ùr a bha freagarrach don dà chuid luchd bruidhinn na Gàidhlig agus iadsan aig a bheil Beurla a-mhàin. Rinn Gòrdan MacGilleBhràth mion-sgrùdadh air a’ chuspair san leabhar aige Nairn and the Disruption (1843-1873). Seo na sgrìobh e mu choinneamh a ghabh àite san eaglais san Fhaoilleach 1876.
The following month the first clear indication of thè Gaelic problem emerged with thè proposal that non-Gaelic speaking probationers should be considered in the vacancy, as the number of Gaelic speaking probationers was small.7
Chaidh an dà bhuidheann ainmeachadh mar ‘the English Party’ agus ‘the Gaelic Party’ ann an cunntas na h-eaglaise. A-rèir luchd-iomairt na Beurla cha robh aig ceud a’ frithealadh gach seirbheis Ghàidhlig agus a bharrachd air sin,’they also claimed that there were not six persons in the congregration who could not understand English8.’ Air an dàrna làimh bha na Gàidheal a’ cumail a-mach gu robh 200 ann gach turas. Bha an strì a’ cumail a’ dol agus sa Ghiblean 1877 ghabh coinneamh eile àite:
Of the two who spoke in support of the viewpoint of the Gaelic party, one was allowed to do so in Gaelic, as he insisted that he was not capable of expressing himself in the English Language.9
Faodar fhaicinn às na tachartasan connspaideach sin gu robh coimhearsnachd Ghàidhlig làidir ann an Inbhir Narann aig an àm, na mheasg feadhainn gun bheurla. Bha a’ choimhearsnachd ud comasach iomairt a chur air chois gus Gàidhlig a dhìon sa phàirt den bheatha aca a bha gu ma cudromach dhaibh, ’s e sin ri ràdh san eaglais. Gun teagamh sam bith bhiodh na daoine ud air a bhith cleachdadh an cuid Gàidhlig taobh a-muigh na h-eaglaise cuideachd. Nuair a leughas tu mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig sna sgìrean traidiseanta nar lath-ne tha e doirbh gun a bhith a’ dèanamh coltas le cùisean san Eaglais Shaor Inbhir Narann ann an 1876.
Tha dealbh iongantach air dè bha air fhàgail dè chultar nan Gàidheal san darna phàirt den naoidheamh linne deug san obair a rinn fear ris an canar Raibeirt MacThòmais. Bha e na thidsear ann an Caladair ann an 1858 ach dh’imrich e gu Àird Chlach ann an 1874. B’ ann an sin a sgrìobh e The Natural History of a Highland Parish. ’S bochd nach robh ùidh aig MacThòmais ann am beul aithris don ìre a bha e an sàs an luibh-eòlas oir nan robh e air a bhith a’ rannsachadh cultar nan Gàidheal san aon dòigh a rinn e mion-sgrùdadh air na beathaichean agus lusan, bhiodh sàr stòras air a bhith againn. Rinn e iomradh air mòran saobh-chràbhaidh ceilteach ceangailte leis an saoghal nàdarrach. Rinn e sgrùdadh air ainmean-àite san sgìre cuideachd. San ro-ràdh den leabhar aige thuirt e.
By and by, I began to record for my own information and amusement, the more striking facts or fancies held forth in connection with any particular subject; and, for many years, this exercise proved a copious source of gratification at least to my own mind. In this way a few local tales have been preserved, for, as we live in an age less indulgent of myth and tale then the bygone, they would almost certainly have passed with their narrators into oblivion, and been irretrievably lost10
Tha e follaiseach gu bheil MacThòmais a-mach air seanchaidhean an seo agus ma choimheadas tu air àireamhan a’ chunntas shluaigh aig an àm ud, chithear gu robh 199 fileantachd a-mach a 1,117 san sgìre gu lèir. An robh MacThòmais a’ bruidhinn ri muinntir an àite a bha dà-chànanach? S bochd nach do dh’innse e tuilleadh dhuinn. Nuair a sgrìobh e mu dheidhinn beagan beòil-aithris bha e gu math mionaideachd ge-tà. Am measg liosta creutairean a chuir e san leabhar, gheibh thu an Water Ask –no ‘plamated smooth newt’ mar a chanas iad.
Once upon a time, as related in the following local story, a labouring man, while drinking on his knees from a moorland pool, inadvertently swallowed an ‘ask’. For days and nights on end, he could feel the ‘hateful beast’ leaping, crawling, and sometimes even gnawing at his stomach. Medicines were taken, and every doctor within reach was consulted, but all to no purpose. At last, he met a ‘Wise Woman’ who told him to eat the fleshy part of seven salt herrings, and immediately thereafter to lie down and hold his head over a running stream, where the ‘ask’ might hear the murmuring among the stones. This he did, and in a few minutes, to his great delight, the vile reptile made its way up his throat, jumped into the current , and instantly disappeared in its native element. From that day to the present, many in Nairnshire believe that ‘asks’ are dangerous and not to be rashly dealt with. 11
Gu dearbh bha Mac Thòmais mothachail gu robh Gàidhlig ann agus a’ dol fodha gu math luath. Dìreach mar a tha cùisean sna sgìrean traidiseanta an diugh, mura bheil Gàidhlig ri chluinntinn chan eil sin a’ ciallachadh nach robh e ann agus tha a h-uile coltas ann gum biodh na Gàidheal air a bhith a’ bruidhinn beurla na robh Goill nan làthair dìreach airson a bhith modail mar a tha iad buailteach a dhèanamh san linne seo. Seo na thuirt MacThòmais a thaobh a’ chànain ge-tà.
Although Gaelic is now very little spoken in Nairnshire yet some 4/5’s of the natives may be set down as purely Celtic. With very few exceptions, every hill, stream, and cosy farm-stead, bears to have received its distinctive appellation when the ancient tongue was the common medium of intercourse all over the land.12
Cò iadsan a bha nan còigeamh pàirt den t-sluaigh? An robh e a-mach air muinntir Baile nan Iasgairean no, air adhbhar air choireigin an robh coltas diofraichte air muinntir badan eile san sgìre?
S e duine iongantach a bh’ ann am MacThòmais, duine a bha air leth fiosrachail a thaobh an àrainneachd, na creutairean agus dòigh bheatha agus beul-aithris an àite agus a h-uile càil eile a bha a’ tachairt mu chuairt air. Eadhon ged a tha a’ Ghàidhlig air falbh bhon na sgìrean sin a-nis tha an àrainneachd a chaidh a chlàradh le MacThòmais fhathast ri fhaicinn agus chan eil e ach 15-20 mionaid a-mach às a’ bhaile ann an càr. Faodaidh tu tadhal a thoirt air a leithid Drochaid an t-Sithein. Thug MacThòmais sgeulachd dhuinn mun àite sin.
One dark night, we are told, a belated drover from a Cawdor market, happened to pass this way. On approaching the bridge, he was greatly astonished and frightened beyond measure, to observe rays of the most brilliant light beaming through rocky foundations, at numerous rents and cracks where the sharpest eyes in the country had never before been able to detect.
Rinn MacThòmais grunn iomraidhean air na sitheann, agus a bharrachd air sin air criomag air leth inntinneach eile ri leughadh am broinn a chuid obrach..
Tradition says that this small boulder was used by Fugail and his jolly companions in their sporting expeditions to Nairnshire.13
Ma dh’fhaoidte gu robh droch beachd aig MacThòmais air feadhainn de na saobh-chràbhaidh agus air sgàth ’s an robh e caran aindeònach gus a bhith clàradh feadhainn dhiubh. Tha coltais ann gur robh esan an làthair san àite nuair a bha mòran na bha air fhàgail den t-seann dualchas a’ dol às an rathad. Air an làimh eile air sgàth gun robh e na choigreach do Ard Clach, an robh mòran ann nach robh e a’ tuigsinn oir nach robh Gàidhlig aige? Faodaidh tu a bhith cinnteachd nan robh 199 luchd-labhairt beò san sgìre an-diugh bhiodh na h-eòlaichean a’ dèanamh orra gun dail.
As a pleasant entertainment after their daily toil, the long evenings were often spent by the lads and lasses in visiting at the neighbouring cottages. Here they sat around the fire and amused each other by singing ballards, chatting over any local gossip, or listening to some new versions of these weird tales of superstition which exercised such a depressing and cramping influence on the minds of our forefathers. Witchcraft, in all its worst forms, was a universal belief. 14
Tha an leabhar aig MacThòmais na ghoireas shònraichte agus tha e a’ dearbhadh gun robh an siorramachd gu math na bhogadh ann an cultar nan Gàidheal agus aig an àm a chaidh an leabhar a sgrìobhadh bha fhathast daoine beò aig an robh eòlas air a h-uile càil a bha seo agus tha coltas ann gun deach an foghlam air an eòlas a bha seo san t-seann stoidhle.
Tha coltas ann gu robh fada a bharrachd Gàidhlig ri cluinntinn san ath pharaiste ri Àird Chlach, Caladair. Bha sin mothachail bhon a chaidh a chlàradh san ‘Statistical Accounts of Nairnshire 1842. Chunnaic an t-Urramach Sìm MacLochlain gu robh Gàidhlig fhathast ga cleachdadh san àbhaisteach. Bha MacLochlain ann an Caladair grunn bhliadhnaichean mus do ghluais MacThòmais gu Ard Clach.
This parish forms the extreme limit of the Gaelic district in this direction, there being nothing but English spoken beyond its eastern boundary. Both languages, as might be expected from its position, are in very general use, although in their intercourse with each other, and in the services of religion, the peasantry still show a decided preference for the Gaelic. Notwithstanding the close neighbourhood of English, the increased opportunities of instruction, and the rapidly growing intercourse with other parts of the empire, it is a remarkable circumstances, that the two languages seem to occupy relatively to each other nearly the same ground that they did from a remote period: a fact which would seem to put the day far off, with regards to the Highlands in general, when the mountain-tongue shall, to any great extent, give place to the more cultivated but not more expressive, language of the plains. 15
Tha an fhianais aig MacLochlain air leth inntinneach air sgàth ’s gu bheil e a’ sealltainn suidheachaidh diglossa. Faodar ag ràdh gur ann mar sin a tha an suidheachadh sna sgìrean traidiseanta far a bheil Gàidhlig fhathast ga bruidhinn ann an 2008.
Rugadh Iain MacIllEathain ann an sgìre Ard Clach. ’S Gàidheal ainmeil a bh’ ann an MacMacIllEathain agus bha e gu mòr an sàs de strì an fhearainn agus chuir e air dòigh a’ phàipear-naidheachd ‘The Highlander’. Chaidh a bhreith ann an 1818 ach ghluais a phàrantan gu Ìle ann an 1827. Thill e dhan taobh a thuath ann an 1873 nuair a chuir e ‘The Highlander’ air bhog.
  1. Luchd ionnsachaidh ann an Inbhir Narann.

Ciamar a tha cùisean airson luchd-ionnsachaidh ann an Inbhir Narann? Tha clasaichean Gàidhlig ann an Inbhir Narann ri fhaighinn corra uair ach chan eil ro-innleachd ann gus luchd-ionnsachaidh a thoirt air adhart gu fileantachd. An dràsta chan eil ach aon clas a tha a’ ruith sa bhaile. Tha an clas seo ga shanasachd san Nairnshire Telegraph mar chlas a tha a’ ruith airson uair a thìde airson sia seachdainean eadar 0930-1030m a h-uile Diluain. Tha e follaiseach nach bi sin a-mhàin a’ toirt mòran gu buil ach air sgàth ’s gu bheil e a’ dol air adhart aig àm a tha freagarrach airson màthraichean aig a bheil clann sa chròileagan no san aonad Gàidhlig, ma dh’fhaoidte gum bi e ag adhbharachd feadhainn beagan a bharrachd Gàidhlig ionnsachadh. Leis a sin tha cothrom ann gum bidh buannachd tighinn às.
Tha an suidheachadh seo na dheagh eisimpleir ge-tà air dhith structair airson luchd-ionnsachaidh ann an Inbhir Narann agus ann an Alba air fad. An dràsta chan eil mòran chlasaichean ri fhaighinn ann an Inbhir Narann agus ma bhios tu airson faighinn air adhart tha agad clas ann an Inbhir Nis a lorg agus chan eil sin freagarrach no furasta airson mòran daoine gu h-àraidh ann an Dùbhlachd a’ gheamhraidh. Leis a sin tha aig luchd-ionnsachaidh anns a’ bhaile a’ cumail a dhol air an ceann fhèin agus le taic sam bith a tha ri fhaighinn bho fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh eile. Tha e fìor ri ràdh gum bi aig neach-ionnsachaidh sam bith a’ mhòr chuid a dhèanamh air a cheann fhèin ach tha diofar mòr ann ma tha clasaichean agus structair ri leantainn. Tha Alasdair MacCaluim làidir den bheachd nach bi a-riamh ath-ghluasad thilleadh cànain ri fhaicinn ann an Alba gun fada a bharrachd luchd-ionnsachaidh a’ faighinn piseach gu fileantachd. Thuirt esan:
Tha co-dhiù 750 neach-labhairt Gàidhlig ùr a dhìth oirnn gach bliadhna gun na h-àireamhan a chumail aig an ìre far a bheil iad an-dràsta. Feumaidh an luchd-labhairt ùr seo a thighinn bho luchd-ionnsachaidh agus chan ann bho na coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta oir tha na h-àireamhan de luchd-labhairt Gàidhlig agus an ìre tar-chuir ro ìosal a-nis. 16
Tha MacCaluim a’ dol gu cnag na cùise agus a’ leantainn bhon bheachd aige nan robh Inbhir Narann a’ cluich pàirt ann an fìor ath-thilleadh gluasad cànain biodh aig neach ionnsachaidh a’ tighinn gu fileanta a h-uile turas a bhàsaicheas neach-labhairt a’ chànain sa bhaile agus a bharrachd air sin bhiodh feum aig a h-uile neach ionnsachaidh a bhith teagaisg Gàidhlig dhan chuid cloinne. Mar a thuirt MacCaluim, ‘A rèir sàr-eòlaiche nam mion-chànainean, Joshua Fishman, bu chòir do luchd-ionnsachaidh inbheach a bhith aig fìor chridhe ath-thilleadh gluasad cànain airson chànainean mar a’ Ghàidhlig far a bheil tar-chur na cànain aig ìre fìor agus far a bheil àireamh an luchd-labhairt a’ crìonadh gu luath.’17
Ma bhios tu nad neach-ionnsachaidh ann an Inbhir Narann agus dèonach cùrsa làn-ùine fhrithealadh gus fileantas ruigsinn dè na cothroman a th’ agad? Tha foghlam aig ìre oilthigh ri fhaighinn aig an t-Sabhail Mhòr Ostaig san Eilean sgitheanach no aig Oilthigh Obar Dheathain. Faodaidh tu a siubhail air adhart agus air ais gu làitheil eadar Inbhir Narann agus Obar Dheathain ach chan urrainn dhut an aon rud a dhèanamh eadar Inbhir Narann agus Slèite. Chan eil cùrsa làn-ùine sam bith ri fhaighinn aig an àrd ìre ann an Inbhir Nis (prìomh bhaile na Ghàidhealtachd). Fhuair Colaiste Inbhir Nis cuidhteas de chùrsa bhogaidh (NQ) agus Chùrsa Chomais (’s e sin a’ chiad phàirt den cheum Ghàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd) aig deireadh a’ bhliadhna acadaimigeach 2005/06. Bhuail an suidheachadh sin gu mòr air neach-ionnsachaidh bho Inbhir Narann. Nochd artaigil san Inverness Courier aig an àm ud ‘Troubled College to axe Gaelic’, seo pàirt dheth:
Sarah Ralph from Nairn is currently studying for an NQ certificate in Gaelic and hopes to continue her studies next year.
“Everyone is really annoyed about this,” she said. “After getting the NQ I wanted to start the degree-level course next year if it’s still available.
My Children air in the Gaelic nursery and I’m in the Nairn Gaelic choir so it would be a shame if I am not able to learn Gaelic in the capital of the Highlands.18
B’ ann mar sin a bha a’ ghnothaich a’ bualadh air cuideigin a bha a’ dèanamh a dìcheall gus barrachd Gàidhlig ag ionnsachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail air suidheachadh na luchd-ionnsachaidh ge-tà agus nuair a chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-12 fhoillseachadh thuirt iad sa phlana na amasan a bha cudromach dhaibh, nam measg:
Sgrùdadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig do dh’inbhich, a’ cur cudrom air na beàrnan ann an solar agus a’ stèidheachadh siostam nàiseanta èifeachdach airson foghlam inbheach Gàidhlig. Tha margaid luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a tha air leth mòr agus a bhiod cudromach airson meudachadh air àireamhan, sgilean agus iomadachd anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig. Thèid sgrùdadh a choimiseanadh airson rannsachadh air dè tha toirt air daoine Gàidhlig ionnsachadh agus dè tha a’ cur bacadh air ionnsachadh, agus diofar mhodailean togail cànain ullachadh airson diofar seòrsachan luchd-ionnsachaidh inbheach agus siostam nàiseanta a stèidheachadh airson foghlaim inbheach Gàidhlig. 19
Ma dh’fhaoidte bidh luchd-ionnsachaidh ann an Inbhir Narann agus àiteachan eile ann an Alba a’ faicinn toradh a h-uile càil a tha siud ann an ùine nach bi fada agus bheirear adhartas air a’ ghnothaich ach gus a sin tha a h-uile coltas ann bi cùisean fhathast ann an staing agus bidh na faclan aig MacCaluim (nuair a bha e a-mach air rannsachadh eile a chaidh a dhèanamh ann an 1992) dìreach cho iomchaidh airson Inbhir Narann ’s a tha iad airson an dùthaich gu lèir, ‘A rèir an rannsachadh seo uile, bha tòrr laigsean agus bheàrnan anns a’ bhun-structar don luchd-ionnsachaidh, laigsean a bha a’ ciallachadh nach robh ach glè, glè bheag den luchd-ionnsachaidh a’ ruigsinn fileantachd.’20
  1. Cultar Gàidhlig ann an Inbhir Narann

Chan eil teagamh sam bith gu bheil Coisir Gàidhlig Inbhir Narann air a bhith a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig ann an Inbhir Narann o chionn grunn bhliadhnaichean Faodar ag ràdh gu bheil a’ chòisir a’ sealltainn gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig sa bhaile. Dh’fhàs cliù na coisir beag air bheag agus a-nis tha deagh thaic aice sa choimhearsnachd. Ged a tha seinneadairean aig an robh gàidhlig bho thùs sa chòisir taobh a-muigh na h-òrain tha a’ mhòr chuid den ghnothaich sa Beurla. Chan eilear sin ag ràdh nach eil feadhainn den bhallrachd a’ gabhail ùidh sa chànain. Gheibh thu cuideachd ge-tà an fheadhainn a tha den bheachd nach bu chòir don Ghàidhlig a bhith faighinn taic airgid airson, mar eisimpleir, sgoilean Gàidhlig.21
Bidh Coisir Gàidhlig Inbhir Narann a’ gabhail pàirt sa Mhòd Nàiseanta sna farpaisean airson còisirean gun mòran fileantaich. Bidh a h-uile duine mothachail air an deasbad theth a tha a’ dol air adhart air an ìre aig a bheil Gàidhlig ri chluinntinn aig a’ Mhòd. Mura bi Gàidhlig faighinn prìomhachas fad na h-ùine aig a mhòd tha e doirbh a bhith faicinn ciamar a bhios coisir Ghàidhlig sam bith a tha stèidhichte taobh a-muigh na coimhearsnachdan traidiseanta gu mòran feum a thaobh ath thilleadh gluasad cànain seachad air a bhith brosnachadh bìdeag beag de luchd-ionnsachaidh. Faodaidh tu a ràdh ge-tà gu bheil na còisirean uabhasach fhèin feumail ann a bhith taisbeanadh cultair nan Gàidheal ann an saoghal na Beurla.
S ann an 2006 a thoisich Fèis Inbhir Narann agus gu mì-fhortanach chan eil mòran fianais gu bheil mòran Gàidhlig an luib an iomairt a tha seo. Seo sanas a nochd san Nairnshire Telegraph am bliadhna (22 01 08) agus chan eil iomradh sam bith air cothrom gus beagan gàidhlig a dh’ionnsachadh.
Tha sin a’ sealltainn dhuinn ciamar a tha an luchd-eagrachaidh a’ coimhead air cùisean. Anns an aon iris den Nairnshire Telegraph bha artaigil ris an canar ‘Nairn Feis’s big weekend’ thuirt co-òrdanaiche a’ phròiseict Shona NicDhòmhnaill:
It all adds up to a community led family event. Expect to see young children excelling on fiddle, teenagers playing open tuning chords during the Slow Jam (tunes played at half speed), mums singing sad Gaelic songs, dads dancing – and everywhere, smiling faces as Nairn becomes the traditional music capital of the Highlands for the weekend.’22
Ma dh’fhaoidte gum bi beachd a’ cho-òrdanaiche iongantach air feadhainn ach tha e a sealltainn an t-àite a tha aig Gàidhlig ann am fèis Inbhir Narann, ’s e sin ri ràdh ma bhios Inbhir Narann aig teis meadhan ceòl traidiseanta na Gàidhealtachd airson deireadh seachdain chan eil feum agad ach corra bhoireannaich a’ seinn òrain brònach gàidhlig gus do dleastanas do Ghàidhlig a choileanadh mar phàirt den iomairt. Tha e follaiseach nach robh mòran ùidh aig Shona NicDhòmhnaill le leasachadh na Gàidhlig nuair a bha i a’ bruidhinn leis an Nairnshire Telegraph Chan eil teagamh sam bith gur e iomairt air leth a th’ ann am Fèis Inbhir Narann airson ceòl traidiseanta sa bhaile ach a thaobh brosnachadh Gàidhlig tha luach a’ phròiseict caran teagmhach ach chan ann a-mhàin ann an Inbhir Narann a tha cùisean mar sin.
Mar phàirt de ‘Highland 2007’ chuir Fèis Inbhir Narann iomairt air bhog ris an canar, ‘Gaelic language, Culture and the Natural environment’. Chaidh iad mu chuairt bun-sgoiltean Sirrochd Inbhir Narann leis an iomairt seo agus tha coltas ann gun robh i gu math feumail ann a bhith a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig am measg sgoilearan.
With additional funding from Fèisean nan Gàidheal, Scottish Natural Heritage, HIE Inverness & East Highland, The Scottish Arts Council and The Highland Council this project raised awareness of Gaelic language and culture in Nairnshire Primary schools through environment based activities, singing, storytelling and games designed to embed participants experience on a creative, imaginative level.
It also provided a legacy of a) an illustrated Gaelic alphabet in each playground and at the local Croileagen) a top trump style card game to raise awareness of Gaelic language, culture & native trees to maintain awareness and encourage future activities involving Gaelic. 23
Bidh an dìleab a tha seo gu math feumail ann a bhith brosnachadh àrainneachd baideal dhan Ghàidhlig agus ùidh sa chànan sa choimhearsnachd ach a-rèir Fèis Inbhir Narann i fhèin mar tachartas bliadhnail tha e doirbh a bhith faicinn dè am feum a th’ ann don Ghàidhlig. Tha a’ mhòr chuid de làraich-lìn Fèisean nan Gàidheal dà-chànanach ach chan eil am fiosrachaidh a th’ aca a thaobh Inbhir Narann ri fhaighinn ach sa Bheurla a-mhàin. Chan eil Fèis Inbhir Narann no am buidheann Fèisean nan Gàidheal as coireach ge-tà, tha iadsan eadar an luing is an làimhrig, cànan nan Gàidheal agus cultar nan Gàidheal. Mar a bu soirbheachail a dh'fhàs am buidheann Fèisean nan Gàidheal b’ ann na bu lapach a dh’fhàs a’ Ghàidhlig na broinn. Tha fèill mhòr air cultar na Gàidheal agus chan eil a’ mhargaidh airson a’ Ghàidhlig idir cho làidir ri sin agus ’s e sin an trioblaid a tha aig teas meadhan a h-uile tachartas ceangailte le cultair nan Gàidheal no na h-ealan Ghàidhlig. Tha Alison Lang amharasach gur e a dh’aona ghnothaich a thachras seo, ‘Tha mòran Beurla ga cleachdadh ann am pròiseactan ealain Gàidhlig gus am bi cultar na Gàidhlig ri fhaighinn do dhaoine aig nach eil Gàidhlig.’24 Agus faodar a ràdh chan eil dad ceàrr le sin ach tha feum air tachartasan far am bi a h-uile càil a’ tachairt tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ceist aig Alison Lang cuideachd,
Nuair a tha luchd-poilitigs – a tha a’ toirt seachad a h-uile sgillinn ruadh a thèid a chosg air planadh-cànain, agus a’ mhòr cuid air airgead a thèid a chosg air na h-ealain Ghàidhlig – a’ moladh phròiseactan Gàidhlig, an ann mar oidhirpean RLS a tha iad gam moladh no mar rudeigin eile?’25
Ge b’e na h-amasan aig na h-ùghdarasan tha Fèis Inbhir Narann na deagh eisimpleir de thachartas Gàidhlig gun Ghàidhlig no far a bheil Gàidhlig aig iomall a’ ghnothaich.
  1. Na fileantaich ann an Inbhir Narann

Aig àm a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh bha 199 fileantaich ann an Inbhir Narann agus a bharrachd air sin ceud eile aig an robh comas Gàidhlig a thuigsinn. Thathar a’ creidsinn gum biodh gur e in-imrichean a th’ann cha mhòr a h-uile fear aca ach gun fhada a bharrachd rannsachaidh sa bhaile chan urrainn do duine sam bith a ràdh le cinnt cò a th’annta agus an ceud eile a chaidh a’ clàradh le comas air choireigin sa chànain. Faodaidh tu a’ fuireach ann an Inbhir Narann gun fhios sam bith gu bheil beagan Gàidhlig aig daoine eile faisg air làimh. An uiridh chaidh mi a-steach bùth airson clò-bhualadh litrichean Gàidhlig air leinne-T fhaighinn. An dèidh greis thòisich an sealbhadair bruidhinn rium sa Ghàidhlig, ’s e neach ionnsachaidh bho Ghlaschu a bh’ ann. Turas eile fhuair mi a-mach gu robh Gàidhlig aig manaidsear a’ chomann-togalaich agus sin às dèidh a chuir mi crìoch air morgaids a reic e dhomh o chionn fichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean thachair mi air mòran daoine aig an robh Gàidhlig no ceangail ris a’ Ghàidhlig tron teaghlach aca.
Cha mhòr a h-uile seachdain bidh cothroman agam beagan Gàidhlig a’ bruidhinn air a’ phrìomh shràid no ann an àiteachan eile sa bhaile. Ma dh’fhaoidte nach bi còmhraidhean fada a th’annta ach tha iad a’ tachairt ann an dòigh nàdarra. Ma tha fios agad cò a tha bruidhinn Gàidhlig tha coltas ann gum faigh thu còmhradh. ’S ann mar sinn a tha cùisean ach bidh fios fada ’s farsaing nach bidh na Gàidheal a’ cleachdadh Gàidhlig a h-uile turas a tha fileantach eile an làthair. Thathar ag aithneachadh gur e saoghal na Beurla ann an Inbhir Narann agus bidh mòran den Gàidheal pòsta do chuideigin bhon t-saoghal a tha sin agus gu tric bidh iad a’ cumail a’ dol sa beurla dìreach airson a bhith modhail. Thathar ag ràdh gu bheil grunn adhbharan eile a tha a’ cur bacadh air nan Gàidheal gus a bhith bruidhinn Gàidhlig, ma dh’fhaoidte gum bi fada a bharrachd briathrachas aca sa Bheurla no air sgath nach bidh fèin-earbsa gu leòr aca sa chànan a bh’ aca bho thùs nuair a bhios fileantaich eile nach bi iad eòlach air an làthair.
Thathar a’ gabhail gnothaich feadhainn de nan Gàidheal le Coisir Gàidhlig Inbhir Narann agus a’ Chròileagan ach tha mòran ann nach bi a’ frithealadh dad sam bith a bhios a’ dol air adhart a thaobh leasachadh na Gàidhlig. Gu follaiseach bidh dàimh làidir eadar nan Gàidheal ann an Inbhir Narann agus na teaghlaichean aca sna h-eileanan, leis a sin am biodh feadhainn de na Gàidheal ann an Inbhir Narann den aon bheachd a tha ri fhaighinn aig cuid thall sna h-eileanan. ’S e sin ri ràdh a’ bheag chuid aig a bheil droch bheachd air na buidhnean leasachadh. Thug Roibeard Ò Maolalaigh iomradh air a’ bheag chuid seo anns an aiste aige.
Ach air an làimh eile tha feadhainn eile ann cuideachd a smaoineachas nach bidh na buidheann mòra riutha, gu bheil iad fad air falbh bhuapa. Is tric a chluinnear a leithid air Ghàidhealtachd mar eisimpleir.26
Thug Gillian Rothach seachad mion-sgrùdadh air stad na Gàidhlig sna h-eileanan agus thachair ise air an aon bheachd.
Ann na còmhradh eile, chaidh a mhìneachadh gun robhar a’ creidsinn ann an seòrsa de ‘mafia’ Gàidhlig, agus gun robh am mafia seo a’ cruthachadh obraichean agus cumhachd dhaibh fhèin. Fior no fallsa, tha feum air na beachdan seo a dheasbad.27
Ma tha an sgaradh a tha sin ga fhaireachdainn am measg nan Gàidheal ann an Inbhir Narann cuideachd ma dh’fhaoidte gun cuir e bacadh air iomairtean a thaobh na Gàidhlig.
  1. Cròileagan Inbhir Narann

Tha cròileagan sa bhaile agus tha e air a bhith a’ dol o chionn 1997. Chan ann ach am bliadhna sgoilearachd mu dheireadh a fhuair ceithir cloinne bhon chròileagan a-steach do fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Nan robh a leithid foghlaim ri fhaighinn ann an Inbhir Narann bhon chiad dol a-mach tha coltas ann gum biodh feadhainn dhen chlann sinn a’ deisealachadh gus Gàidhlig a dhèanamh aig an oilthigh a-nis. ’S e call tàmailteach a th’ ann don Ghàidhlig nach d’fhuair pàrantan ann an Inbhir Narann aonadh Gàidhlig fada na bu tràithe. Bidh mise a-mach air an strì a rinn pàrantan gus an t-aonad sin fhaighinn ann an earrainn eile na leanas san sgrìobhaidh seo. Gu ruige seo ’s e a’ chròileagan a tha aig teas meadhan leasachadh na Gàidhlig ann an Inbhir Narann agus tha a h-uile coltais gum bi iad a’ cumail orra leis an iomairt a tha seo. Seall air sanas a nochd san Nairnshire Telegraph (17 02 08)
Tha taobh sòisealta dhan cròileagan. Seo pàirt de phostar dà-chànanach a rinn iad aig dheireadh 2005
Cròileagan Inbhir Narann
Ceilidh is Dannsa Teaghlaich
le Meantime
Tha Meantime air cliù mhòr a choisinn dhaibh fhèin mar luchd-ciùil air leth
(chaidh an cur air adhart airson Duais Ceòl Traidiseanta na h-Alba ann an 2004)
Na caillibh an cothrom seo!
Disathairne 3 Dùbhlachd 2005
Aig a’ chèilidh bha baidse aig a h-uile duine a bha na dhath diofraichte a-rèir comasan Gàidhlig aca (gun ghàidhlig, beagan gàidhlig, fileantach). Thachair an cèilidh seo fhad ’s a bha na pàrantan a’ strì airson aonad Gàidhlig fhaighinn agus reic a’ chròileagan bharrachd air 200 ticeadan. Fianais gu dearbh gu bheil muinntir Inbhir Narann baideal don Ghàidhlig. Thachair an ceilidh seo san talla-coimhearsnachd, ‘s e Eaglais Shaor a bh’ ann san t-seann aimsir, an dearbh àite a rinn luchd na Gàidhlig strì airson a’ chànain aca Eadar 1875-76.
  1. Aonad Gàidhlig.

Dh’fhosgail aonad Gàidhlig Millbank sa bhliadhna sgoilearachd 2006/07 le ceithir cloinne agus am bliadhna tha naoinear cloinne an làthair. Mar a thuirt mi na bu tràithe san sgrìobhaidh seo, chan ann gun strì a chaidh na h-amasan aig na pàrantan a choileanadh agus feumar a cuimhneachadh cha robh iad a’ lorg ach na coireachan a bh’ aca. Fhuair na pàrantan deagh eisimpleir den ghleus a bha air a bhith nan aghaidh nuair a chaidh beachdan a rinn Comhairliche Iain MacMhathain foillseachadh anns an Press & Journal (12 11 05). 28Thuirt e nach robh e ‘an ‘t-àm ceart gu poilitigeach a bh’ ann. A bharrachd air sin thuirt e nach faigheadh e fhèin agus na triùir comhairlichean air ais aig an ath-thaghadh nan tug iad cead airson sgoil Gàidhlig sa bhaile, thuirt e rudeigin a bha fada na bu inntinneach ge-tà:
I am as committed to the preservation of the Gaelic language and culture as anyone else and my family comes from centuries of Gaelic tradition. Sorley MacLean's mother is a family member, as is Karen Matheson of Capercaillie. "But, from my own personal experience, I believe that Highland Council's policy falls short of what is required. Gaelic medium education in primary school has little effect, and you can't retain a language unless it is the language of the home and the community, and no community exists.
Tha na thuirt Iain MacMhathain na sàr eisimpleir den fheallsanachd ‘chan eil mi an aghaidh Gàidhlig ach’. Sheall e dhuinn a fhreumhan gàidhealach ach chan eil e a’ smaoineachadh gu bheil sgoiltean Gàidhlig gu mòran feum. Chaidh e gu teas mean an deasbaid ath-thilleadh gluasad cànain ge-tà, bha e ceart a ràdh nach biodh tu comasach cànain a shàbhaladh mar chànain choimhearsnachd gun tar-chur san dachaigh. Gu mì-fhortanach cha robh e a’ tuigsinn nach bidh pàrantan a’ faighinn piseach sam bith gus sin a dhèanamh gun iomairtean taic dhaibh agus an t-àite a tha aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san iomairt seo. A bharrachd air sin bha e aineolach air dè seòrsa coimhearsnachd Gàidhlig a tha ri fhaighinn ann an Alba. ’S e sin ri ràdh coimhearsnachd far a bheil a’ mhòr chuid de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach taobh a-muigh na sgìrean traidiseanta. Bha adhbharan eile aig Mgr MacMhathain ge-tà, adhbhar a tha ga thogail gu tric an aghaidh Gàidhlig, ’s e sin airgid. Bha sin a’ cur eagail mhòr air Mgr MacMhathain.
Major projects scheduled for Nairn are going pear-shaped, and there is an expectation in Nairn that the council will do what it promised eight years ago. There is a danger that Nairn will end up with no more than a primary school Gaelic-medium unit. If that is the case, serving councillors standing again in 2007 will have little hope of being re-elected.
Cha do sheas Mgr MacMhathain a rithist ach fhuair an triùir eile comhairlich air ais aig an taghadh 2007 ged a leig iad an cuid taic dhan aonad Ghàidhlig.
Bha feadhainn ann an Inbhir Narann fiadhaich leis a’ bheachd aig Mgr MacMhathain agus sgrìobh iad litrichean don Nairnshire Telegraph. Grèis as dèidh sin nochd litir sa phàipear ionadail bho Sarah Ralph, mar phàirt den argamaid aice sgrìobh i:
I would suggest then that Mr Matheson obviously does not know his own town. Is he unaware of the existence of the Gaelic pre-school nursery, the Gaelic toddler group, the Gaelic choir and the Feis Inbhir Narainn which was such a success a few weeks ago? As for Gaelic speakers, I was in the high street last Saturday and in the space of 10 minutes I had spoken to two other Gaelic speakers, one a fellow learner and another native speaker.29
Bha litrichean eile anns an Nairnshire Telegraph agus sgrìobh feadhainn dhan Press & Jounrnal. Bha Tòmas MacLeòid a’ togail puing mu choimhearsnachd
I agree with Mr Matheson, when he says that, “you can’t retain a language unless it is the language of the home and the community”, but I disagree with him when he asserts that no community exists. A community, as defined by no less an authority than the Oxford Dictionary, does exist and is thriving. Ask any one who attends the Gaelic Choir, Croileagan (Gaelic nursery), various Gaelic Language learners groups or the Feis. You could also ask any other person of the 7.25% of the local population (Inverness and Nairn area) who have some knowledge of the Gaelic Language. I would certainly argue therefore, that there is a Gaelic Community in Nairn30
Tha e furasta a’ faicinn gun robh astar mòr eadar Iain MacMhathain agus luchd-iomairt aonad Gàidhlig. An urrainn dhut a ràdh gu bheil tachartasan aig Coisir Gàidhlig Inbhir Narann agus Fèis Inbhir Narann agus fiù ’s clasaichean luchd-ionnsachaidh nan fior phàirt de choimhearsnachd Ghàidhlig ge-tà? Mura bheil prìomhachas aig a’ Gàidhlig aig tachartas sam bith am biodh an tachartas ud dìreach tachartas beurla aig a bheil beagan Gàidhlig ga bruidhinn?
  1. Buaidh Inbhir Nis

Sna làithean seo ann an seadh poilitigeach agus eaconamach tha Inbhir Narann gu mòr fo bhuaidh Inbhir Nis agus Comhairle na Gàidhealtachd ach suas gu 1990 bha fhathast comhairle ionadail aig Inbhir Narann. ’S e siorramachd fa leth a bh’ ann. An-diugh bidh an neach-deasachaidh den paipear ionadail buailteach a bhith sgrìobhadh mu dheidhinn smuaintean agus iomairtean ‘Invercentric’ sa cholbh deasaiche aige. Ceart no ceàrr a tha e tha mòran sa bhaile den bheachd gu bheil Inbhir Nis gan slugadh gun tròcair. Ma dh’fhaoidte gur e pròiseas do-sheachanta a th’ ann an siud san fhad-ùine ach an-diugh tha fhathast faireachdainn làidir coimhearsnachdan ann an Inbhir Narann agus tha droch bheachd air mòran a thaobh cumhachd Inbhir Nis. Don ùghdarrasan Gàidhlig ge-tà chan eil Inbhir Narann ri fhaicinn fa leth bho Inbhir Nis. ’S ann mar sin a chaidh cùisean air adhart sa phlana-cànain a rinn Pederson Consulting & Helca Consulting sa Ghiblean 2004. A-rèir na h-ùghdarrasan bha cabhag ann gus plana a chur air dòigh air sgath gu bheil àireamh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig san sgìre Inbhir Nis. Bha beagan aig na co-chomhairlean a ràdh mu dheidhinn Inbhir Narann:
Although there is no fèis in Nairn, there is a Gaelic choir and an interest in traditional music and as already mentioned there is a Gaelic nursery and a group of parents keen to promote Gaelic. In view of this, Nairn has the potential to develop its range of Gaelic activity including eventually a CNSA nursery immersion project to be followed by a GME unit of its own as the Inverness Gaelic school fills up. With its frontier status vis a vis Gaelic and Doric, Nairn could be the location for a proposed Institute for the Languages of Scotland31
Mar a chaidh ainmeachadh na bu tràithe anns an sgrìobhadh seo tha Fèis ann an Inbhir Narann a-nis agus aonad Gàidhlig. ’S e prìomh amas a bh’ aig a’ plana gus piseach a chur air cùisean Ghàidhlig ann an Inbhir Nis ach bha na co-chomhairlean mothachail air a’ cothrom a bh’ ann airson Gàidhlig sa bhaile.
Duilleag Inbhir Narann air an làrach-lìn InvernessGaelic.org (22 11 07)
Ma choimheadas tu air an dealbh den làrach-lìn www.invernessgaelic.org chì thu gu bheil cùisean Gàidhlig ann an Inbhir Narann ga fhaicinn mar pàirt den gnothaich fo smachd a’ bhaile mhòir.
  1. Co-dhùnadh

Rinn Kurt Duwe aithisg stèidhichte air staitistearachd Bàideanach, Srath Spè, Narann & Bràighdean Mhàrr, aig àm a’ chunntas sluaigh mu dheireadh. Rinn e iomradh air Inbhir Narann.
Parental demand on the contrary is high but so far only a Gaelic-medium nursery in Nairn has been realised. Essentially arrived at rock bottom ironically the situation of Gaelic can only improve in this district.32
Ma dh’fhaoidte gur e beachd caran cruaidh a tha sin. Nan robh cuisean aig an ìre a bu ìsle cha bhiodh sgeul air Gàidhlig idir ann an Inbhir Narann. Feumar aideachadh gu robh cor na Gàidhlig gu math bochd ann an Inbhir Narann ach tha i fhathast ann. A-nis ge-tà tha fìor leasachaidh ri fhaighinn leis an aonad Gàidhlig agus tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil cruaidh fheum air clasaichean Gàidhlig airson phàrantan. ’S e toisich tòiseachaidh a th’ ann an siud ach san àm ri teachd am bi na clasaichean airson luchd-ionnsachaidh seasmhach agus am bi structair ann a bheir cothrom dhaibh adhartas a dhèanamh? ’S e rud math a th’ ann gu bheil goireasan ri fhaighinn airson cloinne-sgoile mu dheireadh thall ach tha sin ga thoirt air ais don cheist air ciamar a thèid ath-thilleadh gluasad cànain a choileanadh tro fhoghlam a-mhàin.
Tha cunnart ann nach tig fìor ath-thilleadh gluasad cànain gun phàrantan a tha deònach Gàidhlig a dh’ionnsachadh agus a chleachdadh leis an cuid cloinne san dhachaigh. Dè am feum a bhiodh ann am buidheann cloinne nach robh a’ bruidhinn Gàidhlig ach san sgoil? Cha bhiodh ann an siud ach maiseachadh eile air cultar nan Gàidheal ann an Inbhir Narann. Leis a sin bhiodh sinn a’ gluasad chun an latha nuair a bhiodh ciall ‘Saoghal na Gàidhlig’ ag atharrachadh gu mòr chun ìre far am biodh an tiotal ‘Saoghal na Gàidhlig tro Bheurla’ airidh air. Faodar ath-thilleadh gluasad cànain a dhèanamh ach am bi na h-ùghdarrasan gàidhlig deònach no comasach goireasan gu leòr a thoirt dhan bhaile? Thathar a’ beachdachadh mur a thachras fìor piseach air suidheachadh na Gàidhlig ann an Inbhir Narann anns na beagan bliadhnaichean a tha romhainn bidh cànan a tha na fìor phàirt sònraichte de dhualchas Inbhir Narann a’ dol a-mach a sealladh. Tha cunnart ann mur a tèid ath-thilleadh gluasad cànain a dhèanamh ann an àite a leithid Inbhir Narann cha tèid a dhèanamh ann an mòran àiteachan eile aig a bheil dàimh làidir don Ghàidhlig.
  1. Leabhar-chlàr

Leabhraichean
Bain, George,. The History of Nairnshire, Nairn (1928)
Bord na Gàidhlig, Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-2012
Inverness and Nairn Gaelic plan, Pederson Consulting & Helca Consulting (2004)
Johnson, Samuel,To the Hebrides: Samuel Johnson’s Journey to the western Isles of Scotland and James Boswell’s Journal of a tour to the Hebrides, Edinburgh, Birlinn, (2007),
Lang, Alison, Cruthachadh is cleachadh ann an Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, Duneidin Academic Press, Edinburgh (2006),
MacCaluim, Alasdair, Air iomall an iomaill?ann an Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, desaichte le Wilson MacLeod, (2006)
McGillvray, A Gordon, Nairn and the Disruption (1843-1873), Lothian Print, Edinburgh (1999)
McLauchan Simon F, The Statistical Account of Nairnshire MDCCCXLIII, Blackwood and Sons, Edinburgh, (1842)
O hEadhra, Brian, Adhartachadh na Gàidhlig ann an Inbhir Nis, Gàidhealtachdan Ùra, deasaichte le Wilson McLeòid, Oilthigh Dhùn Èideann, (2007)
Ò Maolalaigh, Roibeard, ‘Co-dhùnadh: A’ Ghàidhlig is a’ Ghaeilge’ ann an Gàidhealtachdan ùra/ Nua-Ghaeltachtaí, deasaichte le Wilson McLeod, Oilthigh Dhùn Èideann (2007)
Rothaich, Gillian, ‘Gàidhlig aig an Oir’ ann an Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, Duneidin Academic Press, Edinburgh (2006),
Thomson, Robert, The Natural History of a Highland Parish, Bain, Nairn (1900)
Withers, Charles WJ, Gaelic in Scotland 1693-1891, The Geographical History or a language, John Donald Publishers, Edinburgh, (1984)
Làraich-lìn
Fèisean nan Gàidheal
InvernessGaelic.org
Linguae Celticae
Pàipearan-naidheachd
Inverness Courier (09 06 06)
Nairnshire Telegraph (22 01 08) (15 11 05)
Press & Journal (12 11 05), (23 11 05)
1 Bain George,. The History of Nairnshire, Bain, Nairn (1928). td63
2 Brain O hEadhra, Adhartachadh na Gàidhlig ann an Inbhir Nis, Gàidhealtachdan Ùra, (deasaichte le Wilson McLeòid), Oilthigh Dhùn Èideann, (2007) td77
3 Johnson’s Journey to the western Isles of Scotland and Boswell’s Journal of a tour to the Hebrides, Oxford, Oxford Universtiy Press, (1930), td233.
4 Gaelic in Scotland 1698-1981, The Geographaical History of a language, Edinburgh, John Donald Publishers (1984), td83
5 Ibid, td84-85
6 Ibid, td172
7 McGillvray A Gordon, Nairn and the Disruption (1843-1873), Lothian Print, Edinburgh (1999), td31
8 Ibid, td34
9 Ibid, td34-5
10 Thomson Robert,. The Natural History of a Highland Parish, Bain, Nairn (1900) td.xiii
11 Ibid td.95
12Ibid td.153
13 Ibid td.168
14 Ibid td.200
15 McLauchan Simon F,. The Statistical Account of Nairnshire MDCCCXLIII, Blackwood and Sons, Edinburgh, (1842) td.23
16 MacCaluim, Alasdair, ‘Air iomall an iomaill?’in Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, (2006) td187
17 Ibid td187
18 Inverness Courier June 09 06 06
19 Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-2012, td42
20 MacCaluim, Alasdair, ‘Air iomall an iomaill?’in Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, (2006), td190
21 Fiosrachadh bho chonaltradh phearsanta le duine a tha na bhall den chòisir ach an aghaidh leasachaidh na Gàidhlig san fharsaingeachd
22 Nairnshire Telegraph 22 01 08
23 Làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal http://www.fesiean.org/feis-inbhir-narann.html (aig 17 03 08)
24 Lang Alison, ‘Cruthachadh is cleachadh’’in Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, Duneidin Academic Press, Edinburgh (2006), td200
25 Ibid, p202
26 Ò Maolalaigh, Roibeard, ‘ Co-dhùnadh: A’ Ghàidhlig is a’ Ghaeilge’ ann an Gàidhealtachdan ùra/ Nua-Ghaeltachtaí, deasaichte le Wilson McLeod, Oilthigh Dhùn Èideann (2007) td118
27 Rothaich, Gillian, ‘Gàidhlig aig an Oir’ ann an Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, Duneidin Academic Press, Edinburgh (2006), td233
28 Press & Journal (12 11 05).
29 Litir don Nairnshire Telegraph 15 11 05
30 Press and Journal 23 11 05
31 Inverness and Nairn Gaelic plan, Pederson Consulting & Helca Consulting (2004) td12.
32 Duwe, Kurt, Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies1 Vol21 Bàideanach, Srath Spè, Nàrann & Bràighean Mhàrr , Wedel, Germany: Hydormod (2004) Ri fhaighainn aig: www.linguae-celticae.org/GLS _english.htm (aig 22 11 07)
38