A' dol gu tuath no gu deas?

Thuirt mo cheile gum faca i gòbhlan-gaoithe shìos aig an traigh an-diugh. Gur math a thèid leis ge b’e dè an rathad a ghabhas e, A bheil Samhradh beag na Fèill Mìcheil fhathast a’ cumail a’ dol? Tha eagal orm gu bheil cùisean fada fada ceàrr.

An ath-rud?



A bheil feum air rudeigin ùr san t-saoghal ghaidhlig ‘mas-fhìor’? A bheil feum air lìon sòilseata gu tùr sa Ghàidhlig? Am bi daoine ga chleachdadh ? Uill a-nis tha ‘Abair thusa’ ann. ‘S e làrach a chur Crìstean Macmhicheil air bhog agus gur math a thèid leat a Chrìstean! Ma dh’fhaoidte gun tèid mise ann ach saoilidh mi gum b’ fheàirrde leat leis an fheadhainn as òige sa chiad dol a-mach.

An dearg amadan na thràillealachd do dh'aineolas gu sìorraidh bràth

The Scottish Funday Times: just the thing for your fetid fries?

Tha mi duillich chan eil an teacsa soilleir gu leòr ach ag innse na fìrinn chan eil e airidh air leughadh. Tha esan a' togail turasdail às, nach eil? Mhìcheal, 's e truaghan a th'annad agus tha do tiops grod! Thusa nad thràillealachd do dh'aineolas gu sìorraidh bràth.

Bhideos an àirde air an làrach ùr-sgeul

Bha mi toilichte a dh’fhaicinn gu bheil dà bhideo ùr an àirde air an làraich ùr-sgeul. 'S ann gu tric a bhios mi a’ tadhal air an làrach sin gus an teacsa a leughadh fhad ‘s a tha mi ag èisteachd ris na clàraidhean. A bharrachd air sin tha e math a bhith coimhead air na bhideos a rinn gach ùghdar. Tha e a’ toirt blais dhut air dè seòrsa dhaoine a th’annta agus dè tha gam brosnachadh gus a bhith sgrìobhadh. Seo coltais duilleige bhideo a tha ri fhaicinn ann an uinneagan. Aig bonn an dealbh gheibh thu liosta de na bhideos, a h-uile fear aca ceangailte ris an duilleig bhideo seo. Uair 's tha thu ann 's e goireas air leth furasta a chleachdadh.
Coconuts air faire
Nobhail ur san amharc
Meeting a dead end!
Na Sgriobhadairean as fhearr leam
Na h-ostraitean agus Coinneach Mor
An Taigh-Samhraidh
An Oidhche Mus Do Sheol Sinn
Slaightearan
Gymnippers! Diciadain no Dimairt?
Na Klondykers
Al-Qaeda agus an 'terrorist language'
Dileas Donn

‘An nì a tha dhìth 's e sgudail! Sgudail sa Ghàidhlig. Sgudail le dealbhan éibhinn’

Tha deasbaid inntinneach a’ dol thall aig Fòram na Gàidhlig mu dheidhinn lèintean-T sa Ghàidhlig agus a bheil gu leòr dhuibh ri fhaighinn ann an Alba agus a bheil iad tarraingeach? Seo na thuirt Chuc a bha a toirt tadhal ann an Alba airson a chiad turas o chionn greis.

‘Nuair a bha mi an Alba, bha mi nam fhear-turais gun nàire, thog mi dealbhan de a-uile nì 's bha mi airson leinne-t a cheannach ach sa Ghàidhlig. Chan fhaca mi dad. Tha a h-uile nì sa Bheurla a-mhàin agus aig a cheann thall cheannaich mi rudeigin le Beurla sgrìobhte air. Ach saoilidh mi gur e seo cothrom airgead a dhèanamh. Oir tha mi làn gun cheannaicheas leinntean-t le Gàidhlig orra. Dè as Albannaiche na leinne-t le Gàidhlig oirre? Ach saoilidh gun bheil feum air bharrachd na "Tha Gàidhlig agam" neo "Suas leis a' Ghàidhlig.' An nì a tha dhìth 's e sgudail! Sgudail sa Ghàidhlig. Sgudail le dealbhan éibhinn.’

Gheibh thu an
deasbad an seo.

Co fad’ s as aithne dhomh tha trì àiteachan far am faigh thu lèintean-T sa Ghàidhlig air loidhne agus seo iad.
ùr-nòs
café express Gàidhlig
Cnag lèintean –T

Seo eisimpleir dhut den bhathar a tha ri fhaighinn aig CNAG.

Luchd obrach gun ghearain, gun tuarastal, gun shaor-làithean.

Tha iad buailteach a bhith fada nas slaodaiche sa mhìos seo ach leis an deagh aimsir a tha air a bhith againn sa bhad seo den taobh a tuath tha iad air a bhith a’ cumail a’ dol. Bho ghinealach gu ginealach nì iad an dìcheall air ur son. Abair thusa gur e baoiteagan beaga dearga snoga a th’annta.