Na bu thràithe am bliadhna chaidh Sarko a-null gu Afraga
Sarko 's e sin ri ràdh Mgr Sarkozy, Monsieur le Président.
Rinn e oraid san Iuchar ann an Oilthigh Dakar, Senegal agus a-rèir coltais chuir e na h-oileanaich bochda tro-chèile leis a chuid fhaclan. Gheibh thu an oraid slàn an seo ach seo pàirt dheth.
'An rud a tha ann an drama afraganach, ’s e sin nach eil an duine afraganach air a dhol gu leòr an sàs de dh’eachdraidh. Tha an neach-tuatha afraganach, air a bhith beò còmhla ri na ràithean o chionn fhada fhada, air adhbhar a bhith rèidh ri nàdair, na aineolas ach air ath-innse gun stad de thìm na thriobualadh gu sìorraidh bràth uair is uair le na h-aon ghluasadan agus na h-aon faclan. San t-uirsgeul seo far a bheil a h-uile càil daonnan a’ tòiseachadh a-rithist agus a-rithist chan eil àite airson dàn-thuras mhic an duine no smuain an adhartas. '
Tha mi an dòchas gun de rinn mi deagh eadar-theangachaidh agus nach eil mi a’ cur car air a fhaclan. Ma tha beagan fraingis agad seo na thuirt e sa chanain fhìn agus ma bhios thu ga thuigsinn cuir bràth thugam nan rinn mi cus mearachdan.
'Le drame de l’Afrique, c’est que l’homme africain n’est pas assez entré dans l’histoire. Le paysan africain, qui depuis des millénaires, vit avec les saisons, dont l’idéal de vie est d’être en harmonie avec la nature, ne connaît que l’éternel recommencement du temps rythmé par la répétition sans fin des mêmes gestes et des mêmes paroles. Dans cet imaginaire où tout recommence toujours, il n’y a de place ni pour l’aventure humaine, ni pour l’idée de progrès. '
A bheil sin a’ ciallachadh nach robh an duine afraganach a’ gabhail pàirt de dh’eachdraidh nuair a bha na longan-tràill a’ dol a-null ?