Ri fhaichinn ann an Inbhir Nis: soidhne ur tamailteach, 's e cuis nàire buileach glan a th' ann
A-nochd, gu mì-fhortanach, tha agam ri litir sgrìobhadh dhan Daily Express. Chan urrainn dhomh a fuireach nam thosd, tha cuisean air fàs nas miosa buileach, fhios againn uile gu bheil airgead air a bhith a dhol dhan t-sitig le soidhnichean dà-chànanach ann an Inbhir Nis ach a-nis chan eil sgeul air Beurla idir. Chan eil ann leis an soidhne ur seo ach Gàidhlig agus Laideann . Cum Beurla Beò! – sgrìobh dhan na h-ùghdarrasan gun dail.
Nach math a rinn am balach seo Disathiairne aig Bucaidh
-->
-->
Max Ewan le tual ann an ùine a bharrachd (91 mionaid) rinn sin a' chuis air Buchaidh 2-3 gu Inbhir Narann agus am balach seo chan eil ach sia bliadhna deug a dh'aois. Dealbh le Dòmhnall MacMhathainn
Agus teine fosgailte sa gharadh a-raoir, a' cur an t-urram air Nollaig, la na Trì Suipearan agus am Bliadhna ùr cuideachd. Smaointinn son an fheadhainn nach eil còmhla ruinn a-nis, an fheadhainn a tha fhathast ann agus an fheadhainn a tha ri tighinn dhan t-saoghal bhrèagha, neònach, an-fhoiseil a tha seo. Mo bheannachd orra uile agus mise an dùil 's dòchas nach bi cuisean nas miosa buileach ann an 2017 son iadsan fo h-èiginn ge b' e far a bheil iad. Feumaidh sinn uile a cumail a dol ge-tà agus slàinte mhòr a chàirdean. Chi mi ann an 2017 sibh.
Huntlaidh 4 Inbhir Narann 6 - Sgioba Siorrachd Narann a' libhrigeadh toileachais 's fìor-bhrìgh ioma-fhillte na chois
Bho thaobh
neach leantainn, nuair a bhuannaich Siorrachd Narann feasgar an-dè
aig Huntlaidh, chuir sin làmh air an Holy Grail. Dh'fhalbh
luchd-leantainn Siorrachd Narann gu slaodadh as dèidh a' gheama as
dèidh a thàinig an cluicheadairean don ionnsaidh gus a bhuail am
basan air an son. Bha iad bruidhinn ri chèile aig deireadh a' gheama
- geama a chaidh na fhaoinsgeul fiu's mus robh e seachad. Chan eil na
faclan ann, bha e mar gum bidh nach robh sin buileach cinnteach gun
robh e fìor, gun robh a h-uile càil a chunnaic sinn mu ar beulaibh
air a thachairt ann an dha-rìreabh. “Do-chreidsinneach” sgrìobh
Graeme MacLeòid air làrach a' cluba.
An sgioba
ùr air a thogail bhon luaithre nuair a dh'fhàg na sponsairean mòra
aig toiseach an sèasan an aghaidh sgioba Huntlaidh le ceithir seann
“reultan” Siorrachd Narann na bhroinn. Chunnaic sinn dealas
agus sraon, an toil amh dìreach a bhith a' cluich son an lèine.
Thànaig am barr measgachadh nach gabh ceannaich le airgead a sreub
Huntlaidh as chèile. Bha fìor-bhrìgh uabhasach ann – fìor-bhrìgh
a bha ioma-fhillte cuideachd. Gach mìle air ar rathad dhachaigh bha
sinn fhathast a' toirt a-steach de cho cudromach 's bha e agus abair
thusa gu bheil dheagh shunnd fhathast mu thimchioll oirnn sa mhadainn
seo.
A' cur fàilte air na h-oidhcheannan dorcha le lasraichean, tiops, brot agus lionn-ubhal. Lionn-ubhal “tioram” gus a bhith ceart. Agus beagan uisge ann ach na duilleagan uaine fhathast uile air na h-uinnsinn os ar cionn air an 15mh latha den Dàmhair a tha seo. An cruinn-cé a' blàthachadh 's an oidhche cuideachd le na dathan a' dannsadh, math a bhith beò, math a bhith fhathast ann. A' gabhail deoch-slàinte do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte agus a' bhocsa bheag ud nam bhroinn a' cumail suil air mo chridhe.
Bretagne Réunie - Manifestation annuelle 2016 - Muinntir Naoned a' gabhail na sràidean orra
Muinntir sgire Naoned a' gabhail nan sràidean orra. Chan eil riaghaltas Paris gam faicinn mar phàirt den Bhreatainn Bhig. Saoil air Alba gun Dun Eideann no Glaschu na bhroinn agus sin cimar a tha cuisean thall an sin.
Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann
Cha bhi sin fada tarsainn stairsneach 2014 nuair a chìthear iarrtas dealabhachaidh a-steach do Chomhairle na Gaidhealtachd son oll-mhargaid Lidl aig Baile Mac Càidh. A-reir nam planacihaean bidh aonadan eile agus pub le tigh-bìde. Gu pearsanta tha mi coma mu dheidhinn nam aonadan eile agus a’ phub ach rud a dh’fhaodadh sibh a bhith cinnteach às agus ‘s e sin gu bheil fìor chruaidh fheum again air Lidl sa bhaile seo.
Bidh fhios aig an fheadhainn a tha fortanach gu leòr a dhol gu Lidl ann an Inbhir Nis no Forrais gum faigher mòran rudan aig prìs nas saoire ann an Lidl. Chanainnsa nach biodh dad car le beagan a bharrachd co-fharpais do Sainsburys agus na Co-ops again ann am baile far a bheil 24% de chloinne beò ann am bochdainn. A bharrachd air sin dh’fhaodadh tu a ràdh gum bi a mhòr-cuid mhuinntir a’ bhaile air a shon ach a dh’aindeoinn a leithid taic a bheil e buailteach tachairt?
Tha am Buidhean Gnothachas Inbhir Narann (ANB) air cur an aghaidh Lidl aig Baile Mac Càidh agus iadsan làidir den bheachd nach e an t-àite ceart a tha e. Bidh iadsan airson làrach aig teas mheadhann a’ bhaile. Nach ann an sin ach aisling a bha iomchaidh do na 80s agus 90s nuair a bha a leithid cothruim ann? Ghluais cùisean air adhart ge-tà agus chan eil àite ann a nis air cul na prìomh shràid son an lorg coise a bhiodh aig buth Lidl àbhaisteach. Bidh feadhainn a’ cumail a mach nach ann aig an seasamh aig an ANB ach dòigh gus Lidl a dhiùltadh.
Tha eagal air an ANB gum dèan Lidl sgrios air slainte na prìomh shràid ach cha do thachair sin nuair a thig Sainsbury’s agus nach eil airgead aig an luchd-obrach sin gus a dhol sìos dhan phrìomh shràid le beagan nam phochaidean?
A-nis de a nì na chomhairleachan againn? An tèid iadsan leis an ANB no aig beachd a’ mhòr chuid? Thoir sùil air An Gearastan far an deach Chomhairle na Gaidhealtachd le parc bhùithtean beagan taobh a-muigh. Saoilidh mi ma gabhas comhairlichean Inbhir Narann an aghaidh Lidl bidh buaidh nach bu bheag air an cuid cliù – gu h-àraidh nuair a bhios iad a’ lorg bhòtaichean a-rithist.
Ma tha muinntir Inbhir Narann son Lidl fhaicinn feumaidh iad fhathast beagan spàirn a dhèanamh; ma chuireas gu leòr dhiunn litir taic a-steach no beachd air e-planning nuair a thig an t-iarrtas dh’fhaodadh sin a’ chùis a dhèanamh.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg