Eucoireachd is teicneòlais

Chuala mi am fòn a’ dol madainn Dimàirt ‘s thog mi e. Thuig mi sa bhad gur e guth eileagtronaigeach :
‘Seo am banca agad, roinn teàrainteachd nan cairtean. Ma tha putan ‘rionnag’ agad-sa put air a-nis…’ ‘s an uair sin chaidh am fòn sàmhach ‘s chuir an teachdaireachd às e-fhèin, cha robh ach fuaim uabhasach sgreuchail a bh’ ann.
Bha mi gu math amharasach mu a dheidhinn. Dh’ èisd mi ri mòran teachdaireachdan gu math neònach air a’ fòn, tha feadhainn dhaibh a’ tighinn bho thall thairis, air an dèanamh air compiutairean ‘s tha eucoirich air an cùlaibh. An robh duine no coireigin a’ feuchainn àireamh mo chairt faighinn a-mach? Chan eil mi a’ fuireach fada bhon a’ bhanca ‘s chaidh mi ann. Dh’ fhaighneachd mi dhaibh nan robh iad a’ dèanamh an seòrsa ud de teachdaireachd. Cha robh fhios aig a chiad bhoireannich ach bha a caraid anns a’ bheachd gun do thoisich iad leis a leithid. Chaidh mi dhachaigh ‘s cuir mi fòn dhan ‘roinn teàrainteachd’. Cha robh an t-àireamh furasta fhaighinn ach fhuair mi ann ‘s chuir an dearbh seòrsa guth eileagtronaigeach grunn ceistean orm. Nuair a bha an t-inneal a’ creidsinn gun robh e bruidhinn ris an fhìor dhuine thug e cead dhomh a bhith bruidhinn le guth daonna.
…‘Feasgar math, an robh thu feuchainn £1760.00 de stuth a’ cheannaich bho bhùth bhathar-chruaidh?’ Abair eagal a bha orm, ‘s e latha brèagha dha-rìribh a bh’ ann ach gu h-obann cha robh an aimsir grianach ‘s na speuran gorma a’ toirt mòran buaidh orm.
‘Cha robh idir, idir…’ Fhreagar mi dhi le guth do-chreidsinnach.
‘Dè mu dheidhinn do chèile an robh ise sa bhùth an diugh?’ Bha fhios agam gu robh ise air a bhith a-mach air ciamar a bu chòir dhomh a’ chidsin a bhith peantadh ach cha chosgadh sinn seachd air fichead not, ‘s cha robh i fiadhaich gu leòr mu a dheidhinn a bhith ceannaich stuth gun dad a ràdh dhomh. Bha mòran ceistean eile a’ leantainn ‘s thug mi cead dhaibh a bhith bruidhinn ris a’ phoileas mu a dheidhinn (deagh smuain nach eil?). Gun teagamh bha mèirleach gu math trang leis m’ àireamh ‘s fiosrachadh eile bhon chairt agam. Chuir am banca stad air mo chairt ‘s gheibh mi fear eile an ceann greis ach tha mi gun chairt an diugh ‘s chan urrainn dhomh dad a cheannaich air loidhne.
Gu fortanach dhiùlt a’ choimpiutair leis a’ ghuth neònach £1,760 a phàigheadh air mo shon. Abair pìos teicneòlais feumail, ‘s e gaisgeach a th’ annad, mo ghaol ort a ghràidh.

Freagairtean:1

Aig 17:00 thuirt Blogger Cris...

A Ghraisg!

Bha mi an-seo :D

Tha an blog glè mhath!

I should try to read it more often! Loved the look!

Tìoraidh!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh