Tha e air a bhith cho fuar ris a’ phuinnsean agus dh’ fhàs e na bu fhuaire a h-uile oidhche ach an-diugh ged’ s a tha sinn fhathast air taobh thall neoni tha an ‘t-airgead-beò’ a’ dol nas àirde a-nis. Tha toradh air tighinn às ge-tà. Tha e air a bhith grianach agus abair seallaidhean gu h-àraidh aig beul na h-oidhche. Bidh dathan a’ crochadh air an Linne Mhoireibh agus gu seach sònraichte air na beanntan air an taobh an iar. Dh’ fhaodadh tu a dhol sìos dhan tràigh Inbhir Narann a h-uile latha agus chì thu rudeigin diofraichte gach turas.
Bha sealladh ùr againn ann an seadh eile an t-seachdain seo. Chaidh mi suas dhan Sgoil Millbank feasgar Diciadain far an robh coinneamh mu dheidhinn Aonad Gàidhlig sa bhaile. Uill chaidh a h-uile rud math, fìor mhath. Cha robh duine sam bith an aghaidh an t-aonad idir, nan robh ceistean aig feadhainn bha sin h-uile co-ceangailte le cuisean eile aig Millbank. Chan eil ach tidsear ri fhaighinn a-nis, seadh tha aig a h-uile càil a dhol roimhe chomhairle na Gaidhealtachd ach nan robh iad a’ dol na h-aghaidh bhiodh iad a’ dol an aghaidh Achd na Gàidhlig agus coireachan nam phàrant fo lagha. Tha dùil ann a-nis aonad Gàidhlig ri fhaicinn am bliadhna san Lùnasdal.

Freagairtean:1

Aig 13:30 thuirt Blogger mona...

oooooo, is toigh leam an dealbh seo :-)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh