Tha mi air mo bheò ghlacadh le leabhraichean-lìn



Tha mi air mo bheò ghlacadh le leabhraichean-lìn no blogaichean mar a chanas iad. Bu chòir dhomh a dhol a-mach nas trice tha fhios agam ach chruathaich mi dhà eile (Taghadh agus Dealbhan Inbhir Narann) agus an uair sin mu dheireadh thall chaidh mi a-mach ach cha robh e fada gus an robh an t-acras orm.
A rèir cuid tha na luchd-blogaichean a’ dèanamh cron mòr air na ‘Dead Tree Media’ mar a chanas iad.
An do cheannaich thu an lèine-T fhathast? Gheibh thu craobh mharbh saor an asgaidh leis a h-uile fear aca.

Freagairtean:2

Aig 22:44 thuirt Blogger Cadalach...

Bheil thu a' faireachdainn OK an diugh, a bhalaich? No an robh thu a' smaoineachadh gur e dobhar-chù a bh'annad...? Cha bhi an t-acras ort nuair a tha thu air a' chraoibh iomlain ithe! :-)

Co-dhiù, abair lèine-T!

 
Aig 23:16 thuirt Blogger Sorcha...

heh hee!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh