Beagan sgudail

Chuir mi roham mo chuid Ghàidhlig a chleachadh a-rithist air a' bhlog seo. Agus mise làn mhothaichail gu bheil mo comas sgrìobhaidh tuiteam as a cheile - gu h-àraid litricheadh. "Cleachd e no caill" e a tha iad a ràdh. Gu dearbh fhèin 's e sin an fhìrhinn. Co-dhiù mise duilich ma chìthear droch Ghàidhlig no gràmar neonach. Ni mi mo dhicheil a chàirdean.
Uill sin beagan bhuamsa sa mhadainn reòite a tha seo agus Inbhir Narann fhathast air bhoil le na helicopters (feck's sake another Greek facal beurla sa chanain bhochd ud) agus na poilis a bha lorg cuideigin a ruith sna coiltean air iomall a' bhaile air feasgair Diciadain. Leugh tuilleadh air mo bhlog bheurla. Agus 's e sin an trioblaid, tha mi air a bhith trang le "A Gurn from Nurn". 'S e deagh spòrs a th'ann ach 's e saoghal na Beurla a tha e. Co-dhiù tha mi faicinn ri criomag no dha Gàidhlig a chur ann, a h-uile turas a chleachdas mi Flickr gus dealbhan buill-coise a chur an àirde 's ann aig Gàidhlig a bhios priomhachas. Seall an seata seo bhon cuairt mu dheireadh Cupa a' Tuath aig Pairca Grannd Inbhir Nisa san Damhair.  
Uill sin agad e bhuamsa sa mhadainn sa, tuilleadh a' dh'aithghearr. 

Freagairtean:1

Aig 09:26 thuirt Anonymous Anonymous...

Tha mi dha-riribh toilicht' faicinn g'eil thu air ath-thoiseachadh - tha e an-comhnaidh duilich an coimeas ri fear Beurla a chionn is nach fhaigh thu na h-uidhir de fhreagairtean, ach dall oirt a dhuine!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh