Fèill mhòr air taighean sa Ghaidhealtachd.

Tha prìosan thaighean sìor dol an aìrde mu thimcheall Inbhir Narann agus sa Ghaidhealtachd san fharsaingeachd. Mar sin tha mòran làraichean ri fhaicinn far a bheil taighean ùra air an togail. Chuir an droch aimsir began bacaidh air cuisean ach seo aon àite far a bheil a h-uile sian dòigheil agus saoilidh mi nach be e fada gus am bi luchd-seilbhe pròiseil eile na làthair.

Freagairtean:3

Aig 18:21 thuirt Blogger mona...

oh, taigh snog, gu dearbh... :) is dòcha gu bheil uilebheist a' fuireach ann?

 
Aig 09:50 thuirt Blogger Graisg...

Nach robh Slèite a’ lorg àite-fuireach a Mhona?

 
Aig 13:10 thuirt Blogger mona...

bha, gun teagamh! nach e taigh freagarrach a th' ann airson ban-bhuidseach? ;)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh