Sàr bhiadh na Gàidhealtachd


Seo dealbhan a fhuair mi bho neach ionnsachaidh eile ann an Inbhir Narann. Tha Pam choir ag obair aig Sàr-bhiadh na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis agus tha iad moiteil as na soidhnichean ùra aca.

Chuir e sneachd air an oidhche ach chan eil coltas maireannach air

' S toill leis mo chèile a bhith na cadal leis an uinneig fosgailte, ma bhios e tuiteam nas lugha na -8C bidh cead agam an uinneag a dhùnadh. Dh'fhàs mi cleachte ris o chionn fhada ach leis a' chat a th'againn a-nis feumaidh mi rudeigin a chur faisg air an uinneag gus bacadh a chur air bhon a bhith a' dol as an uinneig air mullach an taigh. A-raoir chuir mi mo bhrogan air, rinn sin a' ghnothach gu math ach sa mhadainn seo bha iad làn sneachd leis an oiteag ghaoithe a bh'ann.
Co-dhiù, tha coltas bréagha air Inbhir Narann an-diugh leis a' ghràin a' dearrsadh air na seallaidhean geala. Mar tha thuirt mi, chan eil coltas maireannach bagarrach air a' ghnothaich mar a bha na bu tràithe aig deireadh 2010 ach cha bhi moran gàirnealaireachd roham an-diugh. Tha an saoghal nàdar tighinn beò a-rithist gun teagamh sam bith. An seachdainn seo chaidh gheàrr mi geug bheag a chraobh bheithe gheal agus ann an ùine nach bi fada bha lòn sùigh ga chruinneachadh air an làr.

Comann nam Pàrant Dùn Eideann ga dhubh chàineadh

Chaidh litir a fhoillseachadh air an làrach Hebrides.com. San litir seo (bho Ghàidheal a tha a’ fuireach sa chathair bhaile) fhuair Comann nam Pàrant dubh-chàineadh. Tha an sgrìobhadair a’ cumail a-mach gun robh e "pianail" dhasan (no dhise) a bhith a' cluinntinn Goill bheartach a' tagradh airson na cùise agus chan eil sin ach pàirt den chasad a tha e/i a thogail san litir seo.
Chithear leth-bhreac den litir agus deasbad na cois air an t-sreath seo aig Foram na Gàidhlig.