Sàbhail am Ploc! Bhideo



Oileanaich Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a' togail fianais taobh a-muigh Rathad Gleann Urchaidh an diugh.

Cha deach cùisean gu math ge-tà agus mar a thuirt BBC naidheachdan:
"Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dearbhadh gu bheil iad a' dol a sguir den taic-airgid a tha iad a' cumail ri Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc as dèidh na h-ath-bhliadhna."

Uill sgrìobh cuideigin air Facebook a-nochd; "This is where the real fight starts!"

Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' maoidheadh Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, a tha air uimhir a dhèanamh airson piseach a thoirt air ceòl Albannach sna deich bliadhna mu dheireadh, a dhùnadh.

http://www.gopetition.com/petition/42495.html

Cuir fios air ur cuid càirdean sna làrachean eile mas e do thoil e.