Latha-luain Woolies

Bidh feadhainn dhibh eòlach air prìomh sràid Inbhir Narann agus bidh fhios agaibh gu robh Woolies mu choinneamh an Taigh-chùirt aig teas mheadhan a h-uile càil. Uill tha beàrn ann a nis. Saoilidh mi gur e bacadh nach beag a th’ ann don bhaile. A-rèir rannsachaidh an uiridh tha cheana 82 as gach ceud a’ ceannach bìdh agus stuth eile taobh a-muigh a’ bhaile gu h-ìre air choireigin. Seo na tha air fhàgail de Whoolies air an rathad dhan t-sitig. 14 eile gun chosnadh sa bhaile sa mhadainn seo.

Coimhearsnacdh Ghàidlig ùr?

Gheibhear deasbad air a' churspair seo air Fòram na Gàidhlig agus Abair Thusa an-dràsta.
Seo pàirt dheth a sgrìobh Tearlach61:
'Aon rud a tha fìor mu dheidhinn Fhionnladh còir, 's e gu bheil e gu math daighean airson a bheachdan. 'S chan eil dad ceàrr leis a sin. 'S chan eil e ag ràdh dean seo 'or else." Tha e ag `ràdh nach an saoghal cho breagha sa the Bòrd na Gàidhlig 's eile a' cumail a-mach. Tha làn eagal aige gu bheil Gàidhlig fhathast a' bàsachadh a dh' aindeoin FMG 's eile. 'S chan eil e na aonar. Chuala mi cha mhòr an dearbh rud à Domhnall Uileam Stiùbhart. An rud a tha Fionnlagh 's eile ag ràdh 's e nach eil stiall aodaich air an an iompaire. A dh' aindeoin bu bheil Gàidhlig aig 50,000 neach tha i a' bàsachadh mar cànan na coimheasnachd co-dhiù. An rùn a th' aig Fionnladh còir, 's e beàrnn mòr a choilionadh ri thaobh na Gàidhlig. An duighleadas a th' aig a' Ghàidhlig, 's e far a bheil i fhathast na cànan na coimheasnachd, a leithid na h-eileanan an iar, 's iad sin na h-àitichean far a bheil i a' crionadh nas luaithe. Tha an eaconomaidh lag ann an sin. Nuair a bha mi ann an Alba, chan fhaca mi ach aon àite far an robh làmh an uachdair aig a' Ghàidhlig, an sgìre timcheall air SMO far a b' urrainn dhomh comhraidhean thòiseachadh ann an Gàidhlig le dùil sam bith fhreagairt fhaighinn san aon chànan. Ach an duighleadas a th' ann 's e chan eil mòran cosnaidhean faisge air SMO. 'Se laigse mhòr a tha seo. Feumaidh a bhith aon àite ann, far a bheil làmh an uachdair aig a' Ghàidhlig 's an eaconomaidh a tha fallain gu leòr. '
Gheibhear tuilleadh ann an seo agus seo.

An dàrna beatha agus e-foghlam /

Saoil am bi cothrom ann gus beagan e-foghlam fhaighinn tron darna-bheatha air loidhne aig an t-Sabhal Mhòr ‘mas fhìor’ san àm ri teachd? Tha grunn oilthigh a’ gabhail ùidh sa ghoireas seo. Gu ruige seo tha ‘second life’ air a bhith nochdadh sna meadhanan mar àite caran cunnartach a tha ag adbharachdh sgaradh-pòsaidh air sgath s adhaltranas ‘mas fhìor’ agus a leithid sin. A-nis ge-tà ma dh’fhaodte gum bi toradh feumail tighinn às a’ ghnothaich?
Dè do bheachd, am biodh ‘an darna beatha’ deagh àite gus coimhearsnachd làn Gàidhlig a chur air dòigh? Cha robh mi a-riamh ann an ‘Darna Bheatha’, a bheil thusa ga chleachdadh?

'nuair a bha feum agaibh ann do cìochan a chumail am falach le do ghàirdean'

'Cha robh i air a bhith gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh cumhachd niuclasach bhon uair sin ge-tà, chaidh i gu feadhainn de na choinneamhan ach bu bheag oirre an seòrsa gnìomhan a bha os cionn na h-iomairt. Chuir e dragh oirre dìreach cho macho ‘s a bha iad fhad ’s a bha iad a’ toirt a chreidsinn gur e coimhearsnachd eadar-dhealaichte air an robh iad ag amas. Bha adhbhar eile cuideachd, bha i air a bhith ann an trom ghaol le fear aca. Daibhidh, bha e daonnan air falbh bho Dùn Èideann aig coinneamhan nàiseanta agus eadar-nàiseanta no shìos aig Torness le na dìcheallaich eile. Ochd mìosan, bha e air fuirich san lobhta aice, uill bha sin ri ràdh gun do dh’ fhàg e a chuid aodaich san lobhta. Rinn ise a chuid nigheadaireachd, bheathaich i e, thug i iasad as dèidh iasaid airgid dha. Aon latha thàinig i dhachaigh tràth agus fhuair i Daibhidh an sàs ann an tè eile. Le sgian àrain na làimh fhuair e cuidhteas den coimhearsnachd eadar-dhealaichte. Bha Daibhidh shìos an t-sràid, a bhodhaig air a phasgadh ann an siota geal, coltais truagh aithreach air. Bha a chompanach na b’ fhortanaiche, mus do theich i fhuair i greim air a Jeans ach bha aice a ghàirdean a chur air a cìochan. Bha e a’ guidhe air Gillian a bhith reusanta.
‘Reusanta, amadan, tha mi air a bhith reusanta, tha thusa fhathast beò.’ Agus an uair sin thòisich i a’ tilgeil a-mach a fhaidhlichean agus a chuid leabhraichean agus litreachas. Thuit an stuth bu thruime bhon cheathramh làr ach bha pàipearan eile air fleòdradh gu slaodach air an oiteag mar confetti. An uair sin thòisich aodach a’ tuiteam gun t-sràid ach rinn i beagan obrach orra le siosaran mus do thuit iad. Thuit fras leantailean agus laigh mòran dhiubh air falt dubh fada Daibhidh. Bha sluagh mòr a-nis air taobh thall an rathaid ga brosnachadh a h-uile turas a thilg i bad aodaich a-mach agus bha iad sunndach ann a bhith èisteachd leis an òraid shiùbhlach phongail a lìbhrig i. ’S gann gun deach comasan mealltach adhaltranach am mìneachadh ann an leithid de shuidheachadh. Thuig Daibhidh nach biodh e gu mòran feum dha fuireach far an robh e agus dh’fhalbh e aig an dearbh mionaid a thoisich Gillian coltas a dhèanamh eadar meud a bhod agus a mhiann-adhartais poilitigeach. Bha aig Daibhidh agus a leannan ùr mìle gu leth tarsainn Dùn Èideann a choisich, ’s e astar mòr a bh’ ann nuair a bha feum agaibh ann do cìochan a chumail am falach le do ghàirdean. Thug sin cothrom dhan tè leth-rùisgte a co-dhùnadh fhèin a ruigsinn. '
Gheibhear tuilleadh ann an seo: Reul Chearbach Air Chuairt
'An leabhar làn sgudal a bha 'too racy' dhaibh? - latha craicte ann am baile aig iomall na Gàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl.