Rathad ùr

Tha an rathad eadar a’ phuirt adhair agus an A96 fosgailte a-nis agus tha soidhnichean rathaid dà-chànanach gu leòr rim fhaicinn air na cuairteanan. Nach trang na faoileagan a-rithist ge-tà, a’ dèanamh an dìcheall mar as àbhaist

Fèill Mhòr air na lemsips agus leigheasan eile

Dh’fhuirich an droch aimsir na bu fhada am bliadhna agus theab nach eil a h–uile duine ann an Inbhir Narann le cnatan no trioblaid bheag eile air. Tha e air a bhith cho grod, fuar agus fliuch gun do e chuir piseach mòr air galaran a’ gheamhraidh. Ma dh’fhaoidte bidh iad air ar cùlaibh a dh’ aithghearr.
Fhuair mo phiuthar-chèile opairèisean ann an Obar Dheathain air a cridhe (triple by-pass mar a chanas iad) agus thill i gu Inbhir Narann as dèidh deich làithean ach dhan ospadail ann a sheo, bha e na suidhe sa dhachaigh fhèin seachdain às dèidh sin ach cha robh e fada idir gus an robh e san ospadail Inbhir Narann a rithist. A-rèir coltais tha e gu math cumanta a bhith faighinn trioblaid a’ tarraing anail, sa chiad dol a-mach co-dhiù, às dèidh a leithid opairèisen ach bha fior trioblaid aice agus bha na dotairean airson sùil gheur a chumail oirre. Cha robh iad cinnteach an robh e dìreach cnatan a bha as coireach no rudeigin eile. Uill fhuair e dhachaigh a rithist an-dè às dèidh seachdain eile san ospadal.
Chan eil e math a bhith fo bhuaidh cnatan grod nach eil? ach airson feadhainn dhinn tha e fada nas miosa na sin agus fiù ‘s gu math cunnartach o àm gu àm.
Tha na gòbhlanan-gainmhich air tilleadh co-dhiù.

Blogairean cliùiteach ann an Inbhir Narann

Fhuair Inbhir Narann adhartas mòr eile an diugh nuair a chuir dithis de na blogairean Gàidhlig as cliùiteach sa ghabhas ceilidh air a’ bhaile. Thàinig iad as na stàitean. An aithne dhut iad? Feumaidh mi a ràdh ge-tà tha tè Inbhir Narann neo-chiontach sa deilbh cuideachd.
Freagairtean air cùlaibh pìos html mas e do thoil e. Cha bhi e fada gus am bi am baile againn a’ faighinn inbhe gu h-oifigeach mar phrìomh bhaile nam blogaichean gàidhlig.

 Sianail sgudal - èist rium!

Cnatan nan eòin, cac nan eòin, cac nam meadhanan.

Tha muinntir an telebhisean gu math dòigheil an diugh. Tha iad uile ann an Cellardyke, Fìobha agus chan urrainn dhaibh gu leòr faighinn den chuspair ùr seo, dhomhsa tha iad a bruidhinn sgudal gun stad agus sin mar a tha iad an diugh, gluaisidh iad ann gu math luath agus chuir iad microfòn air beulaibh a h-uile càil sa bhaile. As dèidh dhaibh a’ bruidhinn ri gach mac mathar le buinteanas den àite bha na motorways làn le eòlaichean ann a cabhag a bhith a’ leum air beulaibh na camaras. Uill dè cho eòlach ‘s a tha na h-eòlaichean ud. Tha mise den bheachd nach eil iad eòlaich air mòran seachad air dè na tha na companaidhean telebhisean dèonach a phàigheadh airson beachd no dhà.
A-rèir coltais bha na faoileagan an sàs den eala bhochd: dìreach mar bu choir dhaibh a bhith, bidh dad sam bith marbh faisg air làimh gu math feumail dhaibh. Uill an urrainn do na creutairean ud a bhith fulaing a’ chnatain cuideachd? Chan eil duine sam bith dèonach a’ toirt beachd saoilidh mi? Cò aig a tha fios? Am biodh pìos den eala a’ dhèanamh sìon a’ chroin orra no am biodh iad dìreach ga ghiùlain gu àiteachean eile no am biodh iad sàbhailte nam biodh iad a dh’ ithe a h-uile càil a tha fo bhuaidh a’ ghalair?
Bidh fhios agad gum bi mòran fhaoileagan a’ fuireach air meadhan nam bailtean an-diugh, leis an sgrios a rinn sinn air an àrainneachd aca agus ri linn s gu bheil sinn dèonach a thilgeil a h-uile seòrsa bìdh air na sràidean, gu h-àraidh aig an deireadh seachdain nuair a tha mòran fo smùid. Chan eil e cho simplidh ri sin ge-ta, gabh Inbhir Narann mar eisimpleir, tha muinntir an àite air an roinn leis. Tha cuid airson na faoileagan agus bidh iad gan biadhadh a h-uile cothrom a ghabhas. Bha mi eòlach air duine a bha gu math measail air faoileag ris an canar Sìm. Abair deagh rapport a bha eadarra. Bhiodh Sìm coir a’ gnogadh air uinneig seòmair-chadail Uilleam gach madainn leis a ghob agus cha bhiodh e fada gus am biodh Uilleam a’ toirt bracaist dha. Tha feadhainn eile fiadhaich ge-tà agus mura biodh dìon fo lagha aig na faoileagan, cuireadh iad às iad buileach glan. Sgrìobh mòran daoine dhan bhall-pàrlamaid aca agus tha a’ cuspair air a bhith a’ dol eadar riaghaltas na Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail dìreach mar bhalla ann an geama tennis. Tha cuid den bheach gum biodh an dòigh as fheàrr air adhart airson tuill a chur sna uighean aca airson grunn bliadhnaichean agus leis a sin dh’ fhàsadh iad sgìth dheth agus biodh iad a’ lorg àiteachan eile far am biodh iad nas soirbheachail. (àiteachean eile no bailtean eile?). Chan eil an riaghaltas no na h-ùghdarrasan ionadail dèonach a bhith a’ pàigheadh air a shon ge-tà, agus sin an cnap-starra an-dràsta. co-dhiù no co-dheth tha a h-uile duine ag aontachadh gu bheil cus faoileagan sa bhaile a-nis.
Dh’ fhàs sinn cleachdte ris an t-suidheachadh a chionn fhada agus tha mòran nid air mullach Woolworth’s gu math faisg oirnn agus nuair a tha na h-isean a-mach as na h-uighean bi cuisean gu math beothachail agus abair fuaim ri cluinntinn fad an latha, uaireannan 24/7 mar a chanas iad. Gu tric nuair a bhios mi bruidhinn air a’ fòn bidh daoine a’ faighneachd dhomh, ‘a bheil thu faisg air a’ mhuir?’, tha seòrsa ìomhaigh aca air cuideigin bruidhinn bho mhullach na creagan no taigh-solais le fuaim nan eòin a tha ri cluinntinn. Aig deireadh as t-samhraidh bidh na h-isean a’ tighinn às mullach Woolies agus sa chiad dol a-mach cha bhi iad comasach ag itealaich agus bidh iad a’ ruith siud ‘s a seo mar chearcan. An rud as fheàrr, ‘s e sin a bhith gan glacadh agus gan tilgeil air ais air mullach Woolies. Cha bhi e fada gus am biodh iad air ais air an làr ge-tà agus an treas no a’ cheathramh turas a tha thu gan tilleadh ‘dachaigh’ gabhaidh iad dhan adhair mar fhaoileag gu math proifeasanta.
Aon mhadainn thuirt mo chèile gun do dhùisg e às dèidh fuaim uabhasach, smaoinich ise gun robh rudeigin air cùlaibh aon de na bhallaichean den seòmar-cadail againn ach chuir i roimhpe nach e ach aisling a bh’ aice. An uair sin chuala sinn fuaim eile. Bha rudeigin san t-seann shimilear. Bha agam an leabaidh agus a h-uile càil eile a ghluasad agus an uairsin gheàrr mi pìos a-mach as an sglàib agus cha robh e fada gus an robh mi a’ toirt sùil air faoileag. Bha an creutair cho dubh ri fitheach agus cha robh e toilichte gam faicinn. Thug e ionnsaigh air mo làmhan ach bha mi cleachdte ris an carry-on de na beathaichean sin agus bha miotagan tiugh orm agus sa bhad fhuair mi greim air agus thilg mi a-mach às an uinneig e. Uill, cha robh an àbhachdas seachad, nach do thuit e air a’ chat againn mar chloich as an adhair! Bha sin caran tàmailteach ri Huggles agus rinn ise deiseil airson sabaid, bha an fhaoileag caran troimh-a-chèile leis agus, shaoil mi, dìreach mar Harrison Ford bha e a’ smaoineachadh ‘dè a-nis?. Ruith mi sìos na staidhre agus dh’ fhosgail mi an doras agus chuir sin eagal air mo chat agus an fhaoileag agus chaidh e suas an rathad agus ghabh e dhan adhair.

A-nis, an t-earrach 2006 agus tha faoileag air mullach cruinn-fòn far am bi e furasta dha a chumail sùil air a chèile agus an nead agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd agus bidh dùn de chac a sìor fhàs a h-uile lathaa aig bonn a’ cruinn. Dìreach mar a h-uile duine eile chan eil càil a fhios agam ma bhios an dùn ud nas cunnairtiche am bliadhna ach tha mi a’ beachdachadh de fo ghrèin a tha an fhaoileag bhochd air a bhith ag ithe agus am bu chòir dha a bhith bharrachd dìon aige air na seòrsaichean biadh a thilgeil daoine air na sràidean nuair a tha iad air an rathaid dhachaigh bho na taighean-seinnse. Co-dhiù tha an cac eile fhathast a’ dòrtadh a-mach na sianalan ‘cnatan nan eòin’, ach an ath-sheachdain bidh iad uile ann an àite eile, a-mach air cuspair eile saoilidh mi: a bruidhinn, dìreach mar as àbhaist, fad an latha gun mòran a ràdh idir.

Cathair bhaile mar bhaile mòr sam bith eile?

‘S e cathair bhaile a th’ ann gu dearbh agus tha i a’ fàs aig astar a tha iongantach. ‘S math gu bheil e ag ràdh ‘Inverness Bus Station’ air an togalach air sgath ‘s, dhomhsa co-dhiù, chan eil mòran den ailtireachd diofraichte bhon ailtireachd ùr ann an àite sam bith eile ann an Alba no Bhreatainn. Chì thu togalaichean ùra a’ dol suas aig cùlaibh an stèisean cuideachd. Bha grunn luchd-turais san àite, a’ tighinn dhan ghàidhealtachd no a’ falbh. Shaoil mi nach bochd nach eil ‘Stèisean nam busaichean’ sgrìobhte os cionn na beurla. Tha mise làn den bheachd gu bheil a' chuis buileach cho simplidh ris a sin. An uairsin coma leat an ailtireachd: cha bhiodh teagamh sam bith aig a h-uile neach-turais gu robh iad air tighinn gu àite a bha caran diofraichte agus nach e sin amas aig mòran dhiubh?

Comann Gàidhlig Mhosgo

Thug mi sùil air an làrach-lìn aig Comann Gàidhlig Mhosgo. Tha e dìreach mìorbhaileach gu bheil buidheann luchd ionnsachaidh na Gàidhlig sa chathair bhaile na Ruis. Sgrìobh iad deich adhbharan airson Gàidhlig ag ionnsachadh agus b’ fhiach iad a bhith leughadh le duine sam bith. Tha na deach adhbharan a’ mìneachadh mòran den rudan a tha sònraichte a thaobh a’ chanain. ‘S e feallsanachd air leth a tha air a sgrìobhadh agus tha mi ag aontachadh gu mòr leis. Ma thèid sibh am broinn a' phìos sgrìobhaidh ud chì thu pìosan den fheallsanachd agad fhèin, tha mi cinnteach às.

Camanachd ann an Inbhir Narann

 Sianail sgudal - èist rium!
Chaidh mi suas gu Loch Dubh an diugh, ‘s e sin far a bheil an raon spòrs faisg air an sgoil (Acadamaidh Inbhir Narann) agus chunnaic mi a’ chiad gheama chamanachd san lìog nàiseanta ann an Inbhir Narann. ‘S e latha eachdraidheil a bh’ ann. Gu ruige seo tha an sgioba ‘Nairn Camanachd air cluich trì geamaichean san lìog ach cha robh iad air an cluich ann an Inbhir Narann ach bhuinneach iad na trì geamaichean ud. A-nis tha iad san dàrna àite air cùlaibh Loch Carran air sgath s diofraichte sna tadhalan. An diugh, ge-tà, chluich iad ann an Inbhir Narann agus chiall iad còig gu neoni an aghaidh Loch Abar ach ‘s e deagh adhbhar a bh’ ann airson sin. Ma dh’ fhaodte gum bi fhios agaibh gur e sgioba ùr a th’ ann an Inbhir Narann agus tha aca a thòiseachadh san treas rang, uill tha Loch Abar a’ cluich san darna rang agus tha iad aig a mhullach. Bha deagh shluagh aig a’ gheama agus bha mi bruidhinn le feadhainn eile den luchd-leantainn den sgioba bhall-choise agus thuirt iad gum biodh iad a’ leantail an iomain a-nis ri linn ‘s gu bheil sèasan a’bhall-choise seachad.
Chòrd a’ gheama rium gu math agus tillidh mi gun teagamh airson mo thaic a leigeil dhan sgioba camanachd Inbhir Narann.