Eucoireachd is teicneòlais

Chuala mi am fòn a’ dol madainn Dimàirt ‘s thog mi e. Thuig mi sa bhad gur e guth eileagtronaigeach :
‘Seo am banca agad, roinn teàrainteachd nan cairtean. Ma tha putan ‘rionnag’ agad-sa put air a-nis…’ ‘s an uair sin chaidh am fòn sàmhach ‘s chuir an teachdaireachd às e-fhèin, cha robh ach fuaim uabhasach sgreuchail a bh’ ann.
Bha mi gu math amharasach mu a dheidhinn. Dh’ èisd mi ri mòran teachdaireachdan gu math neònach air a’ fòn, tha feadhainn dhaibh a’ tighinn bho thall thairis, air an dèanamh air compiutairean ‘s tha eucoirich air an cùlaibh. An robh duine no coireigin a’ feuchainn àireamh mo chairt faighinn a-mach? Chan eil mi a’ fuireach fada bhon a’ bhanca ‘s chaidh mi ann. Dh’ fhaighneachd mi dhaibh nan robh iad a’ dèanamh an seòrsa ud de teachdaireachd. Cha robh fhios aig a chiad bhoireannich ach bha a caraid anns a’ bheachd gun do thoisich iad leis a leithid. Chaidh mi dhachaigh ‘s cuir mi fòn dhan ‘roinn teàrainteachd’. Cha robh an t-àireamh furasta fhaighinn ach fhuair mi ann ‘s chuir an dearbh seòrsa guth eileagtronaigeach grunn ceistean orm. Nuair a bha an t-inneal a’ creidsinn gun robh e bruidhinn ris an fhìor dhuine thug e cead dhomh a bhith bruidhinn le guth daonna.
…‘Feasgar math, an robh thu feuchainn £1760.00 de stuth a’ cheannaich bho bhùth bhathar-chruaidh?’ Abair eagal a bha orm, ‘s e latha brèagha dha-rìribh a bh’ ann ach gu h-obann cha robh an aimsir grianach ‘s na speuran gorma a’ toirt mòran buaidh orm.
‘Cha robh idir, idir…’ Fhreagar mi dhi le guth do-chreidsinnach.
‘Dè mu dheidhinn do chèile an robh ise sa bhùth an diugh?’ Bha fhios agam gu robh ise air a bhith a-mach air ciamar a bu chòir dhomh a’ chidsin a bhith peantadh ach cha chosgadh sinn seachd air fichead not, ‘s cha robh i fiadhaich gu leòr mu a dheidhinn a bhith ceannaich stuth gun dad a ràdh dhomh. Bha mòran ceistean eile a’ leantainn ‘s thug mi cead dhaibh a bhith bruidhinn ris a’ phoileas mu a dheidhinn (deagh smuain nach eil?). Gun teagamh bha mèirleach gu math trang leis m’ àireamh ‘s fiosrachadh eile bhon chairt agam. Chuir am banca stad air mo chairt ‘s gheibh mi fear eile an ceann greis ach tha mi gun chairt an diugh ‘s chan urrainn dhomh dad a cheannaich air loidhne.
Gu fortanach dhiùlt a’ choimpiutair leis a’ ghuth neònach £1,760 a phàigheadh air mo shon. Abair pìos teicneòlais feumail, ‘s e gaisgeach a th’ annad, mo ghaol ort a ghràidh.

Inbhir Narann 3 Fàrfar 4

Cha robh ach geama càirdeil a bh’ ann ach chluich Inbhir Narann gu math an aghaidh an sgioba bhon dàrna rang Lìog na h-Alba. Bha Fàrfar gu math fortanach leis an toradh a fhuair iad oir cha robh coltas sgioba proifeiseanta orra. O àm gu àm rinn Inbir Narann ionnsaighean gu math teicnigeach ‘s sgileil ‘s chuir iad an luchd-leantainn aca ann an deagh shunnd.
Bha sàr chluicheadair ùr againn ‘s tha e a’ dol ris an canar Tony Low. B’abhaist dha a bhith cluich airson Clachnacuddin ‘s roimhe sin bha e le Caley aig an ìre phroifeiseanta. Thug e buaidh mhòr air na ceithir fichead ‘s a deich mionaidean ‘s an companaich. Bha Jim Calder na fear-gleidhidh Inbhir Narann san leth mu dheireadh: bha esan pàirt den sgioba Caley a chaidh sìos dhan Celtic Park nuair a rinn iad a’ chùis air an sgioba ainmeil ach gu mi-fhortanach bha am bàl a dol seachad air an diugh.
Cha bhi e fada gus am bi sinn a’ dol suas dhan Station Park a h-uile Disathairne ‘s nach biodh sinn buidhe nan robh am ball-coise cho tlachdmhor ‘s a bha e an diugh ‘s an aimsir cho grianach cuideachd.
Chaidh seada nam paidhichean a dhùnadh sìos ach na bhith dragh ort tha Ashers a-nis a’ reic na paidhichean ‘s cèicean ‘s a h-uile goireas blasda eile bhon bhana spaideil ùr.

Ma tha sinn fortanach...

Faisg air an t-àite seo thachair mi air càraid àisianaich mheadhan aosda . Bha iad air an socair a’ gabhail sgrìob air a’ Chanàl Leeds ‘s Liverpool. Cha robh màileadean-droma orra oir cha robh iad a’ dol ro fhada. Thòisich an duine a’ bruidhinn rium.
‘Eh up, that’s a big pack you have, ’ow far are you going?’ Bha dual-chainnt Siorrachd York dìreach sgoinneil air. Bha mi bruidhinn riutha còig mionaidean mus chùm mi orm a’ coiseachd air mo shlighe. Thàinig iad bho Skipton ‘s b’abhaist dhaibh a’ bhith air a’ phàirt ud den chanàl aon turas gach seachdain. Dhomhsa bha iad dìreach mar pàirt den àrainneachd, cho ‘Yorkshire’ sa ghabhas; daoine coir ‘s càirdeil ‘s cho Sasannach ri dad sam bi eile ri fhaighinn san sgìre, na dathan beothail air aodaich a’ bhoireannaich cho àlainn ri cuid den dathan nam bataichean-fada air an ceangailte ri taobh a’ chanàl.
Aig an aon àm began astar air falbh ann an Leeds bha buidheann bheag de cheannairc a’ dèanamh deiseil. B’ e Àisianaich Breatannach eile a th’ annta ach ged’ s a bha iad san aon Siorrachd ris an dithis a bha mi air bruidhinn ris, bha an sgioba sin a’ fuireach ann an t-saoghal eile: saoghal a chaidh às a chiall le gràin, creideamh ‘s creud. Chaidh am marbh leis a’ mheasgadh ud fada mus do chuir an cuid spreadhaidhean às a chèile iad. Cheannaich iad na ticeadan ‘s sna trèanaichean fo thalamh thug iad orra brochan a dhèanamh, brochan de fhuil, chnàmhan, mhetailt ‘s fhèith.
Cia mheud eile a tha nar measg? Cia mheud a th’ ann fo smachd den aon gnè de smaointinn cumhang is cunnartach. Cia mheud eile a tha dèanamh deiseil? Cia mheud stoirmean casgairt air fàire?
Tha mi an dòchas nach d’ rinn iad cus cron, tha mi an dòchas gum bi a’ chàraid ud fhathast a’ coiseachd air a’ chanàl gach seachdain ‘s gum bi iad sàbhailte bho ghràin-chinnidh ‘s amharas sam bith. Tha mi an dòchas gum bi iad nan suain gach oidhche gun eagal.
Ma tha sinn fortanach cumaibh sinn greim oirnn fhèin ‘s ar sìobhaltach

Tha fìor ghaisgeach na javascript nar measg

Tha agam ri sàr-mholadh a dhèanamh a nochd. Mo thaing shònraichte do Chadalach airson a’ phìos Javascript a chuir e air dòigh bhon Chuimris.
‘S urrainn dhut na làithean 's na mìosan fhaicinn sa' Ghàidhlig a-nis air a’ bhlog seo. Abair pìos cànain-prògramaidh a rinn thu ‘ille‘s a bharrachd air sin bha a h-uile càil saor an asgaidh. Dè a nis a bhalaich?

J'ai une vie

Bha agam ri coiseachd air pàirt den Chànal a tha a ruith eadar Leeds agus Liverpool. Chunnaic mi sreath de bhàtaichean-fada ‘s bha fear aca a’ dol ris an canar ‘ J’ai une vie.’
Beagan às dèidh sin stad mi fo sgàil drochaid air a’ chanàl nuair a thoisich uisge trom a dòrtadh mu dheireadh thall. Bha sgòthan dorcha air a bhith crochadh os mo chionn fad na maidne ‘s bha mi gu math taingeil a bhith gabhail fois fad’s a bha an t-uisge ann.
Thàinig bodach den sgìre sìos fo an drochaidh a’ lorg àite tioram cuideachd ‘s chuir mi ceist air mu dheidhinn a’ bhàta.
“A bheil muinntir an Fhraing air a' bhàta ‘J’ai une vie.”
“Chan eil idir,’ fhreagair e, ‘ach tha sgeulachd gu math inntinneach mu a dheidhinn ma tha ùidh agad?” lean e air.
“Gu dearbh tha ùidh agam,” arsa mise.
“Uill tha duine a’ buntainn den dearbh sgìre seo a tha a’ fuireach air bòrd. B’ àbhaist dha a bhith fuireach ann an taigh mòr dhà mìle air falbh. Aon oidhche thuirt a bhean ris: ‘Thalla ‘s faigh beatha.’ Uill dh’fhalbh e ‘s beagan as dèidh sin cheannaich e am bàta ‘s chuir e ‘Jai une vie’ air a thaobh mar seòrsa teachdaireachd dhan bhean aige.” Thàinig gàire bheag gu a bhilean ‘s bha an sgeulachd seachad.
Bha ceist eile agam ge-tà: “Dè mu dheidhinn a bhean, an d’ fhuair ise beatha cuideachd?”
“Tha ise fhathast san taigh mòr ‘s tha coltais toilichte oirre cuideachd.” Ars am bodach rium.’

Rinn mi sgrìob air an t-Slighe Phennine

Tha mi dhachaigh a nis agus chunnaic mi mòran air an 256 astar mìltean a rinn mi. Thog mi dealbhan gu leòr ‘s thachair mi air an t-uabhas de dhaoine snog eadar Edale (eadar Sheffield ‘s Manchester) ‘s Kirk Yetholm ann an Alba. Sgrìobh mi notaichean air na tachartasan ‘s mo smaointinn air an t-slighe ‘s bidh mi ag obair orra nuair a nochdas cothrom dhomh. Tha mi air chaill faisg air 6 kilos ‘s mar sin tha coltas beagan diofraichte orm an diugh s tha builgean air leth math air mo chas chlì mar fhianais den thuras.
Seo beinn a chur iongantas orm, bha agam ri a streap. Tha i anns an t-siorrachd York ach tha i a’ dol ris an canar ‘Pen y Ghent’!
Nuair a bha mi faisg air a mullach ‘s le sgòthan air leth dorcha, bha eagal orm gum biodh tàirneanach ‘s dealanach ann. Chuala mi fuaim uabhasach ach tha tàinig an dealanach, cha robh e ach spreadh anns a chuaraidh air taobh thall a’ ghleann.